Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacPhà idein agus air a sheinn le: còisir ghà idhlig shruighlea agus còisir à rd-sgoil an Òbain.
This is a song written by: Iain MacPhà idein and sung by: còisir ghà idhlig shruighlea and còisir à rd-sgoil an Òbain.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Bha mi air banais am Bail' Inbhir Aora,
Bha mi air banais am Bail' Inbhir Aora,
Chaidh mi gu banais le cuideachd o 'n bhaile,
'S gun d'fhuair mi mo leannan am Bail' Inbhir Aora.
An toiseach an Earraich, 's mo lìon air an fharadh,
'S mi 'm chlaoidh leis an fhadal, gun ealain, gun saothair,
Gun d' thà inig an rathad fear-cuiridh o m' charaid
Gam iarraidh gu banais am Bail' Inbhir Aora.
'S a' mhadainn mun d' fhà g mi, b' i earail mo mhà thair,
"Bi stuama, bi cà irdeil nad nà dar, a laochain;
Rach sgiobalta, sgoinneil nad èideadh 's nad anart
Mu 'm bi thu nad mhasladh dhomh 'm Bail' Inbhir Aora."
Nuair thog sinn ri bruthach gu h-uallagach iollagach,
Ã’igridh air mhire, tro fhireach is aonach,
Bu shunndach ar caithream thar mòinteach is ghleannan,
'S a' phìob a' toirt langan air "Bail' Inbhir Aora."
Ach bheir mi mo ghealladh dhuibh, òigridh a' bhaile,
Ged 's ann an cagar nach canainn ri daoine,
Ma shnamhas an sgadan am bliadhna mar 's math leinn
Bheir mise dhuibh banais am Bail' Inbhir Aora.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.