Òran air a sgrìobhadh le: dòmhnall dòmhnallach (Bà rd Bharabhais) agus air a sheinn le: angela mhoireach.
This is a song written by: dòmhnall dòmhnallach (Bà rd Bharabhais) and sung by: angela mhoireach.
'S ann Diluain a sheòl sibh le bà ta bòidheach ùr,
Bha gach nì an òrdugh, bha na ròpan as na siùil,
Cha b' e dìth luchd-eòlais nach d' fhuair sibh an còrr a dh'ùin'
Ach freastal Dhè ga òrdachadh 's cha till sibh beò an taobh-s'.
'S mise chaill an caraid Iain Alasdair is cà ch,
Iain Mac Aonghais Cailean 's Aonghas Chalum, fear a' bhà t',
Iain Mac Dhòmh'll 'ic Dhòmhnaill a bha chòmhnaidh anns an Àird,
'S Aonghas 'an 'ic Aonghais a b' ionmhainn leam am pà irt.
Dòmhnall Mac Aonghais 'ic Fhionnlaigh, cha do chunnt mi e measg chà ich,
Cha b' e gun d' rinn mi dìochuimhn' air 's e fhèin a b' fhiach an t-à it';
B' e e-fhèin am maraiche gu tarraing air an t-sà il,
'S bha sibh uile treubhach agus fèilleil air an t-srà id.
Nach bu chruaidh an sealladh bhith nur faicinn ri toirt seòl,
'S ri cur ur cùrsa dhachaigh oirr' tro mharannan 's tro cheò.
Ach tha 'n Teachdair ud cho cabhagach, gun truas ri anail bheò,
Is rinn E Fhèin ur sgaradh anns a' chuan tha farsaing mòr.
'S tha farsaingeachd dha-rìribh ann, o 's iomadh mìl' a th' ann,
'S cha chan e 'g eil e riaraicht' ged lìonte e gu cheann.
Ach an Tì tha riaghladh gach cnoc is sliabh is gleann
Chan fhà g E aon air dìochuimhn' ann gun iarraidh aig an à m.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.