Òran air a sgrìobhadh le: seumas mac ille sheathanaich agus air a sheinn le: aonghas macPhà idein agus còisir ghà idhlig phort rìgh.
This is a song written by: seumas mac ille sheathanaich and sung by: aonghas macPhà idein and còisir ghà idhlig phort rìgh.
Bidh fonn oirre daonnan,
'S bidh aoibh oirre an-còmhnaidh;
'S e dh'fhà gadh m' inntinn aobhach,
Bhith faicinn d' aodainn bhòidhich,
Le mheud 's a thug mi ghaol dhut
Is aotromas na h-òige,
Mur a dèan mi d' fhaotainn
A ghaoil, chan fhad is beò mi.
Mo dhùrachd don rìbhinn
Dh'fhà g m' inntinn-sa crà iteach,
Bean d' aogais cha lèir dhomh
Latha fèille no Sà baid;
Do bheusan tha ceutach
Is d' eudann ro nà rach -
Ach 's truagh mi thug gaol dhut
'S nach fhaod mi bhith là mh riut.
O furtaich mo chà s-sa
A ghrà idh bhean an t-saoghail
Tuig mar tha mo nà dar,
An sàs aig do ghaol-sa.
Na fà g mi mar tha mi
Dol bàs leis an fhaoineas,
'S gur tu stagh, mo riaghailt,
Mo bhiadh agus m' aodach.
Is muladach mi daonnan
Do ghaol rinn mo leònadh,
Dh'fhalbh mo dhreach is m' aogas
Is chaochail mo shòlas.
Chan eil à it' an tèid mi
Nach saoil mi leis a' ghòraich,
Gu bheil mi faicinn d' aodainn,
Is aoigh air an-còmhnaidh.
Nis chual thu mar tha mi
Gur bàs dhomh às d' aonais
Tionndaidh ann am blà ths rium
'S na fà g aig an aog mi.
Thig is thoir do là mh dhomh,
Do ghrà dh is do choibhneas,
'S chan iarr mi tuilleadh cà irdeis,
No à illeachd an t-saoghail.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.