Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh Moireasdan agus air a sheinn le: Criosaidh Nic a' Phiocair.
This is a song written by: Murchadh Moireasdan and sung by: Criosaidh Nic a' Phiocair.
Ochòin, a chiallain, nach mis' tha cianail
nach robh mi thall ann an gleanntan m' òige,
far an d' fhuair mi m' à rach 's mi na mo phà iste
am brà igh Àird Àsaig fo sgà il na mòrbheann.
An sùilean m' inntinn tha 'n dealbh cho cinnteach
's ged bhithinn sìnt' ann an Rubh' na Mònadh -
chì mi Iosaigh na laighe rìomhach
's a' mhuir a' dìreadh na mhill sa Ghlòraig.
Mo shùil rim ghualainn, tha cruinn mun cuairt dhomh
na beanntan uaine lem bruaichean còinnich,
an Tarcla ghruamach, 's an Cliseam uasal
ag èirigh suas ann gu snuadhmhòr bòidheach.
Air mo chùlaibh tha beinn mo ghaoil-sa
far 'n tric a lùb mi mo ghlùn rim òige,
Geileabhal ghuanach nan tulach uaine -
mo dhùrachd buan leat, a luaidh nam mòrbheann.
Na mo bhruadar gur tric mi gluasad
air feadh do bhruaichean 's do chluaintean bòidheach
lem chuilean ruadhghlas a' leum gun uallach,
's bu mhòr mo ghruaimean mur biodh e còmh' rium.
Sa mhadainn Chèitein air feadh do shlèibhtean
a' tional sprèidheadh bu mhòr mo shòlas -
cha bhiodh gruaimean tighinn beò dhomh 'n uair sin
is m' inntinn fuasgailt' a' ruagadh mhòinteach.
O 's tric leam à mhghar an cois mo bhà rdachd,
's cha dèan mi à icheadh nach fhàs mi brònach -
thig dealt gum shùilean, chan eil siud ùr dhomh,
's nach fhaod mi stiùireadh gu dùthaich m' òige.
Gu Cùl na h-Àirde nì m' inntinn tà ladh,
ge b' e à ite sam bidh mi seòladh-
an-diugh 's a-mà ireach 's gu faigh am bàs mi
bidh m' inntinn crà iteach bhon dh'fhà g mi òg e.
A-nis, a chà irdean mo ghaoil a dh'fhà g mi,
mo shoraidh slà n leibh nur n-à ite-còmhnaidh,
san eilean à lainn rinn m' altram sà bhailt'
's nach dèan mi à icheadh fad 's dh'fhà gar beò mi.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha iomradh air beatha a' bhà ird agus dà dhusan òran leis anns an leabhar Bà rdachd Mhurchaidh Mhoireasdain (Na Hearadh), deasaichte le Morag NicLeòid. Chaidh fhoillseachadh le Acair ann an 1992.

Rugadh Criosaidh Nic a' Phiocair (Chuimeanach) ann an Ceann Tùlabhaig anns an t-Òb air 11 Faoilleach, 1954, nighean Dhòmhnaill Angaidh a' Phiocair às a' bhaile ...
Fiosrachadh air Criosaidh Nic a' Phiocair / Learn more about Criosaidh Nic a' PhiocairCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.