Òran air a sgrìobhadh le: aonghas macNeacail agus air a sheinn le: capercaillie agus Karen NicMhathain.
This is a song written by: aonghas macNeacail and sung by: capercaillie and Karen NicMhathain.
Chaidh mi 'n-dè dhan choille challtainn
shireadh chnòthan airson biadh
ach 's e bh' air a h-uile geug ach
d' aodann-sa gam thriall.
Chaidh mi 'n-dè gu trà igh a' mhaoraich
lòn de choilleagan a bhuain
nochd a h-uile slige neamhaid
d' Ã illeachd-sa a luaidh.
Chaidh mi staigh dhan aon taigh-òsta
son do sgiùrsadh às mo cheann
h-uile glainne thog mi thaom do
mhaiseachd aist' na deann.
Chlaon mi trà th a-raoir dhan leabaidh
thusa ruagadh às le suain
ach cha tug thu cead dhomh cadal
gus an dèanainn duan.
Dh'iarrainn-sa bhith saor od thòireadh
ach gu bheil sinn roinnt o chèil'
do chumadh bhith an à it' do shamhla
agam bhios an fhèill.
Dh'fhà g thu mi nam bhaothair gòrach
bòdhradh chà irdean le do chliù
nuair a thig thu chì iad nach eil
mearachd ann am fhiù.
Chì iad sgùrr a' danns le saobh-shruth
famh is iolair' anns an ruidhl'
stamh gu caomh ag altram sùbh-là ir
mireadh mu an sùil.
Chì iad mis' is thusa sùgradh
bil ri bil ar n-anail aoint'
cniadachadh mar seo gu sìor le
chèile b' e ar maoin.

'S ann à Taigh an Uillt ann an Earra-Ghà idheal a tha Karen NicMhathain ach buinidh a cuideachd do Bharraigh agus thog i mòran de na ...
Fiosrachadh air Karen NicMhathain / Learn more about Karen NicMhathainCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.