Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Anna NicPhà il, anna s. nicDhòmhnaill, chrisanna cheanadach, còisir à rd-sgoil mhicNeacail, fiona cheanadach agus seinn aon neach (Clann-nighean).
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Anna NicPhà il, anna s. nicDhòmhnaill, chrisanna cheanadach, còisir à rd-sgoil mhicNeacail, fiona cheanadach and seinn aon neach (Clann-nighean).
Cadal cha dèan mi, sùgradh cha dèan mise,
Nochd chan fhaigh mi tà mh, 's gun mo ghrà dh a' tighinn.
Cha b' ann dubh no ruadh a bha luaidh mo chridhe,
'S ann a bha e bà n, fear a sgà in mo chridhe.
Dhìrich mi 'n cnoc à rd, fhuair mi à ite suidh' ann,
Chithinn Rubha Stòir, far na sheòl na gillean.
Dh'fhalbh thu oidhche Mhà irt, dh'fhà g sin m' inntinn dubhach
'S mar a till thu, ghrà idh, gu brà th cha bhi mi subhach.
'S bha thu Chlann 'Ic Leòid, bha thu bòidheach, sgiobalt',
Do dhà ghruaidh mar na ròs 's cainnt do bheòil cho milis.
'S o gur mis tha truagh, dèanamh suas ri dithis
Cinnt is fios aig an t-sluagh nach buannaich mi ach aon fhear.
Cìobairean len cù, sealgairean le gunna
Maraichean a' chuain, thug iad buaidh orr' uile.
Tha iomadh dreach dhen òran seo ann. Seo mar a tha na facail as An t-Òranaiche aig Gilleasbaig Mac na Ceà rdaich a chaidh fhoillseachadh ann an 1879:
Cadal chan fhaigh mi
Cadal chan fhaigh mise;
Cadal chan fhaigh mi
Cuimhneachadh air d' fhuran.
TÃ mh cha d' fhuair mi raoir
Chan fhaigh mi nochd na h-uiread'
Cuimhneachadh mar bha
'S sinn an taigh bà n nan uinneag.
Bha mi air an fhèill
Bha na ceudan mar rium;
Bha mo leannan ann
'S gann gun d' rinn e m' fharraid.
Thuirt an duine 'n-dè
"Nan trèigeadh tu do ghealladh,
Ghleidhinn dhut fear-maoin
Le chrodh laoigh air ghleannaibh."
Ged gheibhinn-sa fear-maoin
Le chrodh-laoigh air ghleannaibh,
B' annsa leam an t-òigfhear
As a chòta-cheannaich.
Cha bu ghreusaich' bhròg
Rinn mo leòn cho buileach
Ach òganach deas ùr
Chuireadh smùid à gunna.
Cadal chan fhaigh mi
Ciamar gheibhinn cadal;
Ghoid thu bhuam mo chiall
Ghiomanach a' ghunna.
Seo mar a bha na facail aig an eòlaiche, an t-Urramach Uilleam MacMhathain, agus dh'ionnsaich e iad bho phiuthar a mhà thar, Catrìona Mhoireach, ann a' Leòdhas. Tha am fonn aige eadar-dhealaichte bhon fhonn is bitheanta agus tha e ri lorg ann an iris Sgoil Eòlais na h-Alba, Tocher, Àireamh 35.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Cadal cha dèan mi,
Sùgradh cha dèan mise:
Nochd chan fhaigh mi tà mh
'S gun mo ghrà dh a' tighinn:
Cadal cha dèan mi.
Chì mi, chì mi bhuam
Chì mi luaidh mo chridhe,
Chì mi seachad suas
Buaireadair nan nighean.
Chan ann dubh no ruadh
A tha luaidh mo chridhe,
Ach gu dualach bà n
Àilleagan nan gillean.
Cìobair thu led chù,
Sealgair thu led ghunna,
Maraiche nan tonn
Chuireadh long fo h-uidheam.
Cha b' ann an taigh-sùith
Bha mi 'n dùil a bhithinn,
Ach an taigh geal ùr
Cur cùirteir ri uinneig.
Dhìrich mi 'n Cà rn Bà n:
Fhuair mi à ite suidh' ann
Dh'fhaicinn Rubha Stòir,
Far 'n do sheòl do luingeas.
Shèid a' ghaoth a tuath
Nuas tron Chaolas Chumhang:
Dhiùlt i tighinn mun cuairt
'S bhuail i air an rubha.
Bhuail i air an trà igh
Far am fàs an duileasg
Leum thu aiste, ghrà idh,
'S shà bhail thu iad uile.
Agus seo aon dhreach eile:
Cadal cha dèan mi, sùgradh cha dèan mise,
Nochd chan fhaigh mi tà mh, 's gun mo ghrà dh a' tighinn.
Cha b' ann dubh no ruadh a bha luaidh mo chridhe,
'S ann a bha e bà n, à illeagan nan gillean.
'S tu bu ghuirme sùil, 's tu bu dùbailt cridhe,
'S tu bu bhinne cainnt, ris na rinn mi bruidhinn.
Sgrìobhadair le peann, leughadair nan duilleag,
Maraiche nan tonn, chuireadh long fo h-uidheam.
Bhuail i air an trà igh far am fàs an duileasg
Leum thu aiste, ghrà idh, 's shà bhail thu iad uile.
Chuala mise sgeul a thug deur bhom cridhe,
Thu bhi falbh a-null 's gun do dhùil ri tilleadh.
H-uile h-oidhche tha mi smaoineachadh gun tig thu
Gu mo leabaidh fhìn, 's aonaranach mise.

Rugadh Anna NicPhà il, Anna Iain a' Gheà rr, ann a' Siabost air 12 Dà mhair, 1942. B' i Oighrig NicLeòid, Oighreig Splin, a mà thair agus bhuineadh a ...
Fiosrachadh air Anna NicPhà il / Learn more about Anna NicPhà ilCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.