Òran air a sgrìobhadh le: aonghas moireasdan agus air a sheinn le: mairead nic a' phearsain, angela nicIllEathain agus laura nicRisnidh, Eilidh NicChoinnich agus Mairead NicLeòid.
This is a song written by: aonghas moireasdan and sung by: mairead nic a' phearsain, angela nicIllEathain agus laura nicRisnidh, Eilidh NicChoinnich and Mairead NicLeòid.
Caidil gu sunndach mo chìocharan,
Caidil gu sunndach mo ghrà dh,
Caidil gu madainn le socair,
Na mosgladh do shùil gu latha;
Is mise lem chridhe fo iargain,
'S mo smaointean gur trom gach trà th,
Mi faighneachd an till, faighneachd an till,
'N till d' athair a-rìs bhon bhlà r.
Bidh thusa ad chadal gun smuairein,
Bidh thusa ad chadal gun phrà mh,
Bidh mise le mulad is iomagain,
Gam shà rachadh fhèin a ghnà th;
Cha dèanar mo leigheas le h-ìocshlà int
Is cungaidh cha dèan bonn-stà th;
Mi faighneachd an till, faighneachd an till,
'N till d' athair a-rìs bhon bhlà r.
Tha 'n trombaid a-nis air a sèideadh,
'S am blà r air a chur a bha dian,
'S tha naidheachd an dèidh tighinn am ionnsaigh
A dh'aiseigeas dhomh mo chiall;
Tron chath chaidh d' athair gu treubhach
Is nà imhdean cha d' fhuair am miann;
'S mi cinnteach gun till, cinnteach gun till,
Gun till d' athair a-rìs bhon bhlà r.

Rugadh Mairead NicLeòid ann an Dùn Èideann ged a bha a mà thair às an Àird anns a' Rubha agus a h-athar à Tolastadh a' Chaolais ...
Fiosrachadh air Mairead NicLeòid / Learn more about Mairead NicLeòid
Rugadh Eilidh NicChoinnich ann an Goillspidh ann an 1967 agus ghluais an teaghlach gu Leòdhas nuair a bha i ceithir bliadhna a ...
Fiosrachadh air Eilidh NicChoinnich / Learn more about Eilidh NicChoinnichCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.