Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh Dòmhnallach (Murda Sheumais) agus air a sheinn le: dena nicÌomhair, dina nic a' mhaoilein agus Dòmhnall MacRath.
This is a song written by: Murchadh Dòmhnallach (Murda Sheumais) and sung by: dena nicÌomhair, dina nic a' mhaoilein and Dòmhnall MacRath.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Tha mi fo leòn, fo bhròn 's mi fada bhom rùn;
Tha mi fo leòn, fo bhròn 's mi fada bhom rùn;
'S mòr m' eagal gach uair nach buannaich mise do ghaol,
A chailin 'n fhuilt bhà in a dh'fhà g mi 'n Eilean an Fhraoich.
A' fà gail Chluaidh Diluain bu mhuladach mi
Air bà ta na smùid bu trom bha m' osna 's mo shùil,
'S mo smuain air an oidhch' mun dh'fhà g mi Eilean an Fhraoich
'S air cailin 'n fhuilt bhà in an t-à ille dh'fhà g mi air chùl.
Nuair dh'fhosgail gach ròp' 's a sheòl i a-mach bhon a' chidh',
Bha poidhleat air bòrd toirt cùrs' do dh'fhear bh' air an stiùir;
Bha mise fo leòn cur cùl ri cuideachd na tìr
'S ri cailin 'n fhuilt bhà in a dh'fhà g mi 'n Eilean an Fhraoich.
Tha 'n oidhche nochd fuar, a luaidh, gur fada bhuat mi
'S nach lèir dhomh a' chùrs' le smùid na mara fom shùil,
Tha beanntan den fhairge 'g èirigh orm air gach taobh
'S mo smuain air 'n tè bhà n a dh'fhà g mi 'n eilean mo ghaoil.
Is iomadh ceum guanach, suaimhneach ghabh mi leat srà id,
Bhith coiseachd rid ghualainn, luaidh, bu mhath leam bhith 'n-drast'
Bhith 'g èisteachd rid chòmhradh ceòlmhor, carthannach, tlà th
Nuair bha mi glè òg 's mi 'n tòir air cailin 'n fhuilt bhà in.
Thig fhathast an uair, a luaidh, ma bhios sinn slà n
A thrèigeas mi 'n cuan 's an Leòdhas gabhaidh mi tà mh;
'S gach deuchainn 's gach bròn 's gach dòrainn bh' agam bhon dh'fhà g
Gun cuir mi air chùl, a rùin, nuair gheibh mi do là mh.

Rugadh Dòmhnall MacRath ann an Tà bost nan Loch, Leòdhas air 26 Lùnastal, 1941, mac Ciorstaidh Anna Mhurchaidh Mhurchaidh. Nuair a bha e dà bhliadhna dheug ...
Fiosrachadh air Dòmhnall MacRath / Learn more about Dòmhnall MacRathCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.