Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall Ailean Dòmhnallach agus air a sheinn le: Iain Moireasdan agus Tormod MacIllEathain.
This is a song written by: Dòmhnall Ailean Dòmhnallach and sung by: Iain Moireasdan and Tormod MacIllEathain.
Ceud fà ilt' air gach gleann
'S air na beanntannan mòr' -
'S iad a chuimhnich dhomh 'n t-Ã m
Ghabh mi sannt air bhith beò;
Nuair a bha mi ri fonn
Còmh' ri cloinn 's sinn ri spòrs
Mu bhruaichean nan allt,
'S iad nan deann bho gach lòn.
Nuair a dh'èireadh a' ghrian
Bha i riaghladh gach stòr,
A' toirt fàs air an t-sìol,
'S dh'fhà g siud fiachan aic' oirnn;
Is gach creutair bhiodh fann
Feadh nam beann airson lòin,
Anns an òg-mhadainn shamhraidh
'S an driùchd feadh an fheòir.
B' e mo mhiann a bhith 'n uair sin
A' fuadach na sprèidh
Gu na lèantaichean luachrach
Airson buannachd dhaibh fhèin;
Mi ri biathadh an à il
Nach robh 'n là rach an treud
Leis an fhìor bhainne bhlà th
Gus am fà sadh iad treun.
'S iomadh creag agus cà rn
'S iomadh gà rradh is bruaich
Aig an do shìn mi rin sgà th
A h-uile là bhithinn fuar.
'S ged bu lìonmhor mo chà irdean
Bha pà irt dhiubh gun truas
'S an tè shaothraich rim thà ladh
A' cnà mh anns an uaigh
B' òg a chreach am bàs mi
Aig aois a dhà no trì;
Cha b' urrainn dhomh bhith dà na
'N lùib mo chà irdean airson sìth;
Nuair thugadh bhuam mo mhà thair,
An uair sin dh'fhà gadh mi
Mar neach air thuar a bhith bà ite
Nach b' urrainn snà mh gu tìr.
Nuair a bhuannaich mi aois
Bha mi saor bho gach bròn;
Na companaich a thaobhainn –
Gach aon bhiodh le sgòd.
B' e an dùil bhith na b'fheà rr
Nuair a dh'fhà sadh iad mòr –
Cha bu lèir dhuinn an tà ire
Bha aig cà ch gar toirt beò.
Ghabh mi comhairle gach aon
'S dh'fhà g siud faoin mi nam dhòigh;
Bha mi gluasad mar dh'fhaodainn
Feadh saoghal nam beò;
Chuir mi ùidh anns gach sìon
A bhiodh a' riarachadh m' fheòil
'S cha robh càs a bh' ann riamh
Nach robh an triall air mo thòir
'S cluinnidh mise daonnan
Aig daoine nach eil òg
Gur lèir dhaibh mar tha 'n saoghal
A' caochladh cho mòr;
'S gur e fìor dhuine dall
Bhiodh a' samhlachadh stòir
Ri beatha chlann nan daoine
Nach fhaod fuireach beò.
Ach seo cuimhneachan dom chà irdean
An là bheir mi suas,
'S don mhuinntir nì mi fhà gail
Anns an fhà saich air chuairt.
Bidh bà rdachd Chlann Dòmhnaill
Na cheòl aig an t-sluagh
Là nach cluinn sibh mo chòmhradh
Is mo chòmhnaidh san uaigh.

'S ann à Cill Pheadar an Uibhist a Deas a bha na daoine aig Iain Moireasdan, Iain Mhic Iain Bhà in. Bha Iain agus a bhean ...
Fiosrachadh air Iain Moireasdan / Learn more about Iain Moireasdan
Rugadh Tormod MacIllEathain ann an Glaschu ann an 1936. 'S e docair a bha na athair Niall Mòr, mac Eòghainn Ruaidh, a bhuineadh do Thiriodh. ...
Fiosrachadh air Tormod MacIllEathain / Learn more about Tormod MacIllEathainCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.