Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Aonghas is Art MacÌomhair agus Fionnlagh MacNèill.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Aonghas is Art MacÌomhair and Fionnlagh MacNèill.
Cha b' ann dubh a bha mo leannan
Cha b' ann dubh a bha mo ghrà dh
Cha b' ann dubh a bha mo leannan
'S ann a bha e buidhe bà n.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
'S ì ò al ò, 's ì ò al è
'S ì ò al ò, 's ì ò al è.
Tha bungalows mhòr ac' am Port nan Giùran
Taighean modern faisg air a' mhuir;
'S nuair a thèid thu cuairt tron a' bhaile
Bi fuaim nam bathrooms a' dol gun sguir.
'S ann a thug iad do mo bhalach
'S ann a thug iad do mo ghaol
'S ann a thug iad do mo bhalach
Coileach ann am peile caoil.
O ma thèid thu measg na Nisich
Ged a bhiodh tu dubh no ruadh
Gheibh thu eòlas air a' ghuga
'S thig itean ort an à ite gruaig.
'S nuair a thig e às an nèibhidh
Sure, engagaigidh e mi
'S nuair a thogas e retainer
Kilt is blazer gheibh mi fhìn.
Feasgar Disathairne ann an Tolastadh
Ged nach robh mi ann a-riamh
Airson nach bris iad LÃ an SÃ baid
Tha 'n coileach bochd dol fon a' chliabh.
Thuirt e rium aig cùl a' ghà rraidh
Thuirt e rium aig ceann a' chruach
Thuirt e rium aig cùl a' ghà rraidh
"Feuch, a ghrà idh, nach fhaigh thu fuachd."
O cha tèid mi do na Hearadh
Far nach faic thu rathad no srà id
'S nuair a chì thu iad ri coiseachd
Togaidh iad na casan ac' cho à rd.
Chaidh sinn gu banais ann am Beà rnaraigh
Abair gun d'fhuair sinn danns is ceòl
Na bodaich a' leum aig "Suas an Fheamainn"
'S na cailleachan a' leum aig "Rock 'n' Roll".

*Anns an dealbh (clì gu deas) chithear Art MacÌomhair, Aonghas MacLeòid à Scalpaigh agus Aonghas ...
Fiosrachadh air Aonghas is Art MacÌomhair / Learn more about Aonghas is Art MacÌomhair
'S ann am Port Ghlaschu a rugadh Fionnlagh MacNèill (1931-2007). Bha athair, Dòmhnall na Scarpaich, na sgiobair air tè de na bà taichean a bha a' ...
Fiosrachadh air Fionnlagh MacNèill / Learn more about Fionnlagh MacNèillCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.