Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: fionnlagh macAoidh.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: fionnlagh macAoidh.
Cha b' e meud mo chianalais thug iarratas dom dhà n,
Ach gun innsinn mu na crìochan far 'm bu mhiannach leam bhith tà mh,
Sonas, sìth is coibhneas, agus roinn ann de gach blà ths,
Nach fhaigh a rèir an t-saoghal seo, ach an eilean caomh mo ghrà idh.
'S e an Tairbeart à it' mo shùgraidh far an luthaiginn dhol air chuairt,
Far bheil an loch as sà bhailte gu ceangal bà ta suas,
Tha Scalpaigh thar na h-acarsaid ga ghlasadh on a' chuan,
Is Beinn an Teang' cur fasgadh orr' bho neart na gaoith a tuath.
Tha cuimhn' agam nuair b' òg mi 's air bròig cha chuirinn feum,
Gur tric an lùban m' òrdagan bhiodh neòinean gheal an t-slèibh,
Gur tric a ruith a dh'innseadh mi don chìobair mu na sprèidh,
Gur uain òg ri 'n aire 'n-diugh nach fhaca latha an-dè.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.