Òran air a sgrìobhadh le: donnchadh macDhòmhnaill agus air a sheinn le: na h-Eilthirich.
This is a song written by: donnchadh macDhòmhnaill and sung by: na h-Eilthirich.
Cha tig Mòr mo bhean dhachaigh
Cha tig Mòr mo bhean ghaol:
Cha tig mà thair mo leanaibh
Nochd a laighe rim thaobh.
Tha an crodh mòr anns an eadradh
'S iad a' freagairt nan laogh:
'S tha Mòr an Dùn Bheagain
'S cha fhreagair i 'n glaodh.
Tha m' fhà rdach-sa creachte;
'S trom mo leac 's gura fuar;
S ann tha m' ionntas 's mo bheairteis
Fo na leacan na suain.
Tha m' aodach air tolladh
'S tha m' olann gun snìomh,
Agus deagh bhean mo thaighe
Na laighe fo dhìon.
Tha mo chrodh-sa gun leigeadh
'S tha 'n t-eadradh aig cà ch,
'S tha mo leanabh gun bheadradh
Na shuidh air an là r.
Fasaidh fras air an iubhar,
FÃ saidh duilleach nan craobh,
FÃ saidh fras air an luachair
O cha d' fhuair mo bhean-s' aois.
'S ged a dhèanainn-sa pòsadh,
Mar bu chòir dhomh ad dhèidh,
Tha sac trom air mo chridhe
Nach tog fidheall nan teud.
'S dèan cadal, a leanabh,
'S thoir an aire mar thà :
Tha do mhà thair fo leacan
'S chan eil m' achlais-s' ach fà s.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.