Òran air a sgrìobhadh le: iain caimbeul (Muile) agus air a sheinn le: còisir ghà idhlig a bhogha mhòr (Mnathan) agus còisir òg cheòlraidh ghà idhlig ghlaschu.
This is a song written by: iain caimbeul (Muile) and sung by: còisir ghà idhlig a bhogha mhòr (Mnathan) and còisir òg cheòlraidh ghà idhlig ghlaschu.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Chluinn mi na h-eòin, 's binn leam na h-eòin,
Na h-eòin, na h-eòin bhòidheach, bhinne,
Chluinn mi na h-eòin, 's binn leam na h-eòin.
'S binn leam fhèin na bha mi 'g èisteachd
Madainn Chèitein 's sprèidh a' sileadh.
'S binn leam smeòrach air bhà rr geug
Is uiseagan san speur ri iomairt.
'S binn leam coileach dubh ri dùrdail
'S cearc an tùchain dlùth ga shireadh.
'S binn leam cuthag le gug gùg
Sa mhadainn chiùin air stùc a' ghlinne.
'S binn leam guth na h-eala bhuadhaich
Luinneag 's gloine fuaim air linne.
'S binn leam na iad siud gu lèir
An naidheachd èibhinn a fhuair sinne.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.