Òran air a sgrìobhadh le: Aonghas Fleidsear (Aonghas a' Ghobha) agus air a sheinn le: còisir ghà idhlig an leargaidh ghallda, graham camshron, mairead chaimbeul agus mà iri flòraidh nicFhionghain.
This is a song written by: Aonghas Fleidsear (Aonghas a' Ghobha) and sung by: còisir ghà idhlig an leargaidh ghallda, graham camshron, mairead chaimbeul and mà iri flòraidh nicFhionghain.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Mo chaileag mhìn-gheal, mheal-shùileach
A dh'fhàs gu fallain, fuasgailt
Gur trom mo cheum on dhealaich sinn
Aig Clachan Ghlinn da Ruaidheil.
Didòmhnaich rinn mi còmhlachadh
Bean òg as mòdhar gluasad,
Tha guth mar cheòl nan smeòraichean
'S mar bhil' an ròis a gruaidhean.
'S ro fhaiceallach na còmhradh i,
Gun sgilm, gun sgleò no tuaileas
Gur flathail coiseachd shrà idean i
Air beagan stà it no guaineis.
O 's truagh nach robh mi 's m' Ã illeagan
Air à irigh 'n cois nam fuar-bheann;
Bu shocair sèimh a chaidlinn
'S i nam achlais air an luachair.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.