Òran air a sgrìobhadh le: dòmhnall macCoinnich agus air a sheinn le: ailig moireach.
This is a song written by: dòmhnall macCoinnich and sung by: ailig moireach.
O nach truagh nach robh mi fhathast
Na mo bhalach air an trà igh.
O 's e là ithean dòigheil m' òig'
A dh'fhà gas sona mi gu brà th.
Chan eil gluasad air mol a' chladaich,
Cha chluinn mi brag nam botainn mhòir
Tha 'n-diugh fo fheur na taighean-sailidh
'S chan eil sgoth an-diugh air sà l.
Ann an Stiogha Tuath is mi nam sheasamh
'S mi ri 'g amharc mach am bà gh,
Toirt nam chuimhne nuair bha mi òg
Sgiogarstaigh siud à it' mo ghrà idh.
Saoilidh mi nach eil glè fhada
On bha fear a' pheitein mhòr
Toirt air tìr nan ceudan langa,
Dùintean tiùrr a' bharra là n.
'N à m an earraich - na siùil gheala
Fà gail fearann dol gu à rd,
Mùirneag na dà leth air an taigh-sholais
'S e Carra-phìobair à ite b' fheà rr.
B' e mo dhùrachd na mo bhalach
Tighinn a-steach a' Sòlas Caol,
Staoil an fhuarain 's fuaim a' Ghile
Tighinn gum chluais air oidhche chiùin.
Cho fad 's a bhios muir-là n ga lìonadh,
Faochag 's maorach na do thrà igh,
Bidh mo dhùrachd is mo bheannachd
Aig a' chladach ud gu brà th.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.