Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh MacLeòid (Murchadh a' Cheisteir) agus air a sheinn le: Cairistìona Stone.
This is a song written by: Murchadh MacLeòid (Murchadh a' Cheisteir) and sung by: Cairistìona Stone.
Tuil na feirg' tha cho searbh 's nach gabh inns',
'S nach ruig mìltean de linntean a trà igh:
Sin an cupan thug Dia dha ri òl,
Gus ar dìon o gach dòrainn gu brà th.
Seinnibh cliù do an Uan,
'S e thug ùmhlachd is buaidh ann ar n-à it';
'S e thug sìth dhuinn ri Dia,
Le e fèin dhol tre phiantan a' bhà is.
Ma bha banntrach 's i cianail ri bròn,
Lag mar eun air a leòn am measg chà ich;
Chaidh a cìochran thoirt saor dhith on uaigh,
Leis an Tì seo thug buaidh air a' bhà s.
Ma bha brà ithrean gam pianadh san dorch,
Air an fhairg' eadar stoirm agus rà mh;
Thainig Ìosa dhaibh dlùth chum an dìon,
'S chuir a bhriathran na siantan nan tà mh.
Ma bha lobhar air fhuadach o chà ch,
'S e fo bhuaidh euslaint-bà is ann am pèin;
Ged robh lotan ri lobhadh a chnà mh,
Fhuair e leigheas fo là mhan Mhic Dhè.
Ma bha bacach ri sireadh na deirc',
Aig an teampall, air fèill, no air srà id;
Tre bhuaidh creideimh, am priobadh na sùl;,
Thug Ìosa dha lùths a chuid chnà mh.
Ma bha bean lag le euslaint' 's i 'bròn,
'S fuil a beatha ri dòrtadh gu là r,
'S ann le beantainn ri eudach Mhic Dhè,
Fhuair i saorsa o eucail a bà is.
'Nuair bha leanabain a' leanmhainn a cheum,
'S a bha foirmealaich eudmhor gun ghrà s
Dol gan tearbadh air falbh o an treud,
Thog e fèin iad le spèis na uchd grà idh.
'S e mo ghuth ris gach duine fon ghrèin:
Teich gun dà il gu crann-ceusaidh mo Rìgh;
Nuair tha teà rnadh ann dhòmhsa nam fheum,
Cuim thèid eucorach tuilleadh a dhìth.
Aleluia don Athair gu brà th!
Aleluia do m' Shlà naighear gaoil!
Aleluia do Spiorad nan grà s!
Seo mo cheòl fhad 's thèid m' fhà gail san t-saogh'l.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha laoidhean agus òrain Mhurchaidh a' Cheisteir rim faighinn anns an leabhar Bà rdachd Mhurchaidh a' Cheisteir, air fhoillseachadh le The Darien Press Ltd, Dùn Èideann, 1962.

Rugadh Cairistìona Stone ann an Col Uarach, air a' Bhac, Leòdhas, air 6 Ògmhìos, 1961. B' e Murchadh Dòmhnallach, Murchadh Choinnich Tomaisean no "Moley" a ...
Fiosrachadh air Cairistìona Stone / Learn more about Cairistìona StoneCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.