Òran air a sgrìobhadh le: stuart townend agus keith getty agus air a sheinn le: Calum Ailig Mac a' Mhaoilein.
This is a song written by: stuart townend agus keith getty and sung by: Calum Ailig Mac a' Mhaoilein.
An Crìosd a-mhà in tha m' uile dhùil
Mo sholas mòr, mo neart, 's mo dhà n.
A' chlach-oisinn 's mo bhunait ùr
Seasmhach tro thart 's gach gailleann ghrà nd'.
Nach à rd an grà dh, nach domhainn sìth,
A stadas geilt, 's a sguireas strì?
Mo Chofhurtair - m' uile 's gach nì -
Seo, ann an grà dh Chrìosd, seasaidh mì.
An Crìosd a-mhà in - a ghabh air feòil -
Bha là nachd Dhè 's an Leanabh lag!
Na ghibht de ghrà dh, Aon Fhìor nan Neòil,
Ach dhiùltadh E lèine bha rag.
Gus air a' chrann nuair bhà saich Ios'
Shà saicheadh corraich cheart ar Dia;
Oir chuireadh Air am peacadh fhìor -
'S cheannaicheadh mi le bàs Chrìosda.
Staigh anns an uamh - A chorp fon ùir -
Chuir oidhche Solas an t-saoghail gu bà s.
Ach bhris E às – mar mhadainn ùr
Suas às an uaigh dh'èirich nuadh là .
'S air sgà th A sheasamh ann an nèamh
Chaill mallachd uilc a ghrèim nam bheath';
Oir 's Leis-san mi, 's is leam-sa E -
Rèite tro fhuil phrìseil Chrìosda.
Gun chiont sa bheath', 's gun eagal bà is,
Seo cumhachd Chrìosd annam-s' an sà s;
Bho chiad rà in phà ist' gu deireadh là ,
Tha Ios' os cionn gach diog dham dhà n.
Cha toir ifrinn, no innleachd dhaoin',
Mise a-mach à grèim an Aoin;
Gun till E rithist, no shiùbhlas m' ùin',
Seo, ann an neart Chrìosd, seasaidh mi.

Chaidh Calum Ailig Mac a' Mhaoilein a thogail ann am baile Shiadair anns a' Rubha ann an Leòdhas. Bho aois gu math òg bha ceòl ...
Fiosrachadh air Calum Ailig Mac a' Mhaoilein / Learn more about Calum Ailig Mac a' MhaoileinCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.