Òran air a sgrìobhadh le: seòras moireach (Seòras Dhòmhnaill Sheoc) agus air a sheinn le: cailean ailig macÌomhair.
This is a song written by: seòras moireach (Seòras Dhòmhnaill Sheoc) and sung by: cailean ailig macÌomhair.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Rinn sgiathan na madainn mo ghiùlan air astar
'S thog iad dhomh aiseag gu h-aighear thar sà l
Mo chridhe nam bhroilleach a' sgà ineadh le fadachd
Gu ruighinn am baile 's na chleachd mi bhith tà mh.
Bha aiteas air m' inntinn ri pilleadh nan ionnsaigh
Bha smuaintean mo chinn a' cur smuaintean air dòigh
Leis an cuirear oir fà ilt' ann an cà nan mo mhà thair
Nuair ruiginn an t-à it' 's an deach m' à rach 's mi òg.
Ach shìn mi a mhuinntir bha dlùth ann an dà imh rium
'S a thaisbean dhomh coibhneas na mo naoidhean gun treòir
Cha robh iad ri faighinn a-nis anns a' bhaile
Bha à iteachan falamh air talamh nam beò.
Nuair chì mo an òigridh a chleachd a bhith còmh' rium
'S ann a bha mi air faondradh mar aon bhiodh air chall
'Bha an clachan air caochladh is mise ri caoineadh
Gun d' fhalbh luchd mo ghaoil is nach fhaod iad bhith ann.
RÃ inig is fhuair mi na cnocan 's na cruachan
Na feadanan luath ' na fuar-bheannaibh mòr
Na lochan, na cluaintean 's na glinn a bha snuadhmhor
Far an tric bha mi buachailleachd uain mun a' chrò.
Lìonadh le tùrs' mi bhith faicinn mo dhùthaich
Bha deòir air mo shùilean is driùchd air mo ghruaidh
Ged fhuair mi na tulaich, na slèibhtean 's na mullaich
Cha d' fhuair mi ma curaich a chunnaic mi uair.
Ach b' èiginn dhomh gluasad a-rithist thar chuantan
Bu mhath leam mo chuairt seo gu cluaintean mo ghrà idh
O soraidh gu buan leat, a Leòdhas bheag uasal,
Far an robh mi gu luaineach ri gluasad nam phà ist.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.