Òran air a sgrìobhadh le: Piuthar Iain Gairbh agus air a sheinn le: còisir ghà idhlig obar pheallaidh agus Ina NicDhiarmaid.
This is a song written by: Piuthar Iain Gairbh and sung by: còisir ghà idhlig obar pheallaidh and Ina NicDhiarmaid.
Och nan och 's mi fo lèireadh
mar a dh'èirich don ghaisgeach;
Chan eil sealgair na sìthne
an-diugh am frìth nam beann casa.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Hù o ro hò io ro hò hug oireann ò,
Hò a o hù èile e hò
Hù o ro hò io hò bhÃ
Hò ro bha, hiù ra bhò, hiù o rò,
Hù o rò hò io hò hùg oireann o,
Fà ill ill ò laill io hò.
Bha mi uair nach do shaoil mi,
ged is faoin bhith ga agradh,
Gun rachadh do bhà thadh
gu brà th air cuan farsaing.
Fhad 's a sheasadh an stiùir dhith
'S tu air cùl a buill bheairte,
Dh'aindeoin à nradh nan dùilean
Agus ùpraid na mara.
Fhad 's a dh'fhanadh ri chèile
A cuid dhealgan 's a h-acainn,
Is gum b' urrainn dhi gèilleadh
do d' là imh threun air an aigeann.
Ach b' i an doineann bha iargalt
le gaoth à 'n iar-thuath 's cruaidh fhrasan:
Thog i a' mhuir na mill dhùbhghorm
'S smuais i 'n iùbhrach na sadan.
Cuspair an Ã’°ù²¹¾±²Ô
Bhà thadh Iain Garbh Mac Ille Chaluim Ratharsair anns a' Chuan Sgìth, air Dihaoine na Ceusda sa bhliadhna 1671. Tha e coltach gu robh e air a bhith ann a' Leòdhas aig baisteadh pà iste le Iarla Shìophort.
Bha mòran a' cumail a-mach gur e buidseachd a dh'adhbharaich call na bìrlinn. Ann an Ortha nan Gaidheal (Carmina Gadelica) Leabhar 5, tha Alasdair MacIlleMhìcheil ag rà dh:
"It is said that he was drowned through the machinations of his own muime, who employed several famous witches to raise the tempest in which he was drowned. These were Spòg Bhuidhe of Mà iligir in Skye; Gormshùil from Crà caig in Skye and Doideag Dhubh from Duart in Mull."
Ach tha e nas coltaiche gu bheil fìrinn na cùise aig an t-Urr. Seumas Friseal a sgrìobh mun tubaist ann an 1671:
"This April the Earl of Seaforth duelling in the Lewes, a dreadful accident happened. His lady being brought to bed there, the Earle sent for John Garve M'kleud, Laird of Rarzay, to witness the christening; and, after the treat and solemnity of the feast, Rarsay takes leave to goe home, and, after a rant of drinking uppon the shoare, went aboord off his birling and sailed away with a strong north gale off wind; and whither by giveing too much saile and no ballast, or the unskillfulness off the seamen, or that they could not mannage the strong Dut(ch) canvas saile, the boat whelmed, and all the men dround in view of the cost.
"The laird and 16 of his kinsmen, the prime perished; non of them ever found; a grewhound or two cast ashoare dead; and pieces of the birling. One Alexander Mackleod in Lewes the night before had voice warning him thrice not to goe at (all) with Rarsey for all would drown in there return; yet he went with him, being infatuat, and drowned (with) the rest. This account I had from Alexander his brother the summer after, Drunkenness did the (mischeife)."
Rinn Pà draig Mòr MacCruimein a' phìobaireachd ris an canar Cumha Iain Ghairbh dha agus a rèir seanchais bha tè de na peathraichean aige a rinn tuireadh dha a h-uile Dihaoine fad bliadhna as dèidh sin.
Seo dà chumha eile do Iain Garbh.
'S mi am shuidh' air an fhaodhlainn
'S mi gun fhaoilte gun fhuran,
Rìgh! cha tog mi fonn aotrom
O Dhi-haoine mo dhunaidh.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Hi-il ò ho bha hò hi-il ò ho bha ò,
Hi-il ò ho bha ò hi-il ò ro o-bha èile.
Cha tog mi fonn aotrom,
O Dhihaoine mo dhunaidh
On a chailleadh am bà ta,
Air na bhà thadh an curaidh.
'S i do ghual' a bha là idir,
Ged a shà raich am muir thu.
Rìgh, cha b'fheà rr do shliochd Adhaimh
Chuireadh là mh anns a' churaidh.
Nochd gur h-ìosal' do chluasag
Fo lic fhuaraidh na tuinne
'S ann an clachan gun trà ghadh
Tha mo ghrà dh-sa na uirigh.
'S ioma ban-tighearna bhrèid-ghil
Bhios gu deurach gad chumha
Agus stiomach òg uasal
Nach bu dual bhi fo mhulad.
Tha do chlaidheamh na dhùnadh,
Fo dhrùchdadh nan uinneag.
Do chuid chon air an iallaibh,
'S cha triall iad don mhonadh
Do fhrìth nam beann à rda,
No gu à rd-bheinn a' Chuilthinn.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
O ì òro hò i
'S gur tu thighinn fallain.
Seall a-mach an e an là e
'S mi feitheamh na fà ire.
'S e an sgeula nach binn leam
Chaidh innseadh roimh Chaisg dhomh.
T-fhaighinn bà it' air a' charra
Ma' ri Calum do bhrà thair.
Fear mòr a shìol Torcaill
'S e do chorp a bha là idir.
'S gur maith thigeadh dhut breacan
Air a lasadh le cà rnaid.
'S cha bu mhiosa dhuit triubhais
A' dol a shiubhal nan srà idean.
'S a' dol a chaitheamh a' chuspair
Cha b' ann à uchdach a' ghà rlaoich.
Nochd is mòr tha dhe t'iargain
Air Iarla Chinn t-SÃ ile.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha an tuilleadh fiosrachaidh mu bhà thadh Iain Ghairbh ri fhaighinn anns an leabhar Clà rsach na Coille, deasaichte leis an t-Urr. A MacIllEathain Mac na Ceà rdaich a chaidh fhoillseachadh le Alex Maclaren and Sons, Glaschu an 1881 agus 1928.
Tha naidheachdan mu dheidhinn ri lorg anns na Transactions of The Gaelic Society of Inverness, Vol. XX1X (1914-1919), anns an leabhar The Gaelic Otherworld, deasaichte le Raghnall Mac Ille Dhuibh (Birlinn 2005) agus ann an Duanagan, Dà in is Dualchas à Eilean Ratharsair, Fladaidh is Eilean Tighe, le Urras Dualchas Ratharsaidh, 2001.
Rugadh Ina NicDhiarmaid ann am Port Ghlaschu air 25 Cèitean, 1923. B' e Niall MacDiarmaid, a bhuineadh do Bhaile Phiocair, mu dhà mhìle tuath air ...
Fiosrachadh air Ina NicDhiarmaid / Learn more about Ina NicDhiarmaidCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.