Òran air a sgrìobhadh le: Calum MacPhà rlain agus air a sheinn le: iain r. deans.
This is a song written by: Calum MacPhà rlain and sung by: iain r. deans.
'S mòr mo mhulad 's mi cumha nan gillean
Chaidh thar linne gun tiomachd ron à r;
Ged a b' èibhinn iad fhèin nuair a dh'imich,
Shil an drùchd bho mo shùilean gu là r.
'Illean, 'illean, 'illean,
Thug sibh na h-ionnsaighean dùrachdach dà n,
'Illean, 'illean, 'illean,
'S mairidh bhur cliù-sa ùrar gu brà th.
Chuir sibh muinntir bhur dùthcha fo chomain,
Ghlèidh sibh gun dochann dhaibh sochair na saors',
Chaisg sibh an ruathar le duairc-luchd an donais
Chaidh air bà inidh le à rdan 's cion faoibh.
'Illean, 'illean, 'illean,
Cha b' e siud iobairt bha diomhain no faoin,
'Illean, 'illean, 'illean,
Anam don bhàs seach geur-smachd don t-saoghal.
Cadal sèimh dhaibh fon fheur ghorm thar mara,
Ge gur fad iad on dachaighean fhèin,
Cuirear na blà ithean le là mhan nam mnathan
Os na gillean le sileadh nan deur.
'Illean, 'illean, 'illean,
Dearbh chan iongnadh ar tùrsa bhith geur,
'Illean, 'illean, 'illean,
Chuir an t-eug às do reultan ar speur.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.