Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Dòmhnall Iain MacDiarmaid.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Dòmhnall Iain MacDiarmaid.
'S iomadh plà igh a tha san t-saoghal,
'S iomadh call a thig air daoine,
'S iomadh nì tha milleadh ar saoghail
'S a' toirt adhbhar dhuinn bhith crà iteach.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Thug mi 'n oidhche raoir san à irigh,
Thug mi 'n oidhche raoir san à irigh,
'N oidhche nochd gu cridheil, coibhneil,
Maille ri maighdeann dhonn na h-Ã irigh,
Thug mi 'n oidhche raoir san à irigh.
Tha na daolagan am bliadhna
Feadh gach raon buntà t' ri riasladh;
'S gann gun d'fhà g iad cnap gu biadh dhuinn,
'S cruaidh a dh'fheuch iad sinn len cnà mhan.
Colarà do fada 'n iar bhuainn
'S ann a dh'Ã raicheadh na biastan;
Ghluais iad às a' sin gu lìonmhor,
Greis a' sniagail, greis a' snà gail.
Nuair thig grian na madainn bhlà th oirnn
Chan eil à it' nach gabh iad faighinn;
Chì mi falbh iad anns an adhar,
'S bidh an rathad loma-là n dhiubh.
Chan eil meas ac' air lus foille,
No air lus tha fàs sna coilltean;
'S e buntà ta biadh an aoibhneis,
Cha bhi loinn às gun bhith là mh ris.
Chomha luath 's a chì iad duilleag
A' fàs suas gu bòidheach, lurach,
Bidh am bus innte gu guineach
'S ithidh iad o bhun gu bà rr i.
Chan ith feannagan dubh nam beann iad,
'S chan eil cearc ann a thig teann orr';
Ged 's math cà il a' choilich Fhrangaich,
Seachnaidh e le greann is grà in iad.
Tha iad mèathte, dèante, snaighte,
'S air am druim tha slige bhreac orr',
Cumail dìon orra mar chaisteal,
Slige bhreac à loc cruaidh, là idir.
Ma gheibh mise beagan saoghail
Chithear còmhlaichean mu na raointean,
Nach leum each 's nach leag na gaothan,
'S gheibh na daolagan an sà bh bhuam.
'S iomadh bodach eutrom, somalt'
'S cailleach gharbh tha sgìth a' cromadh,
A' cur cruinn nam biastan sgonnach
Chum an donnadh anns an à mhainn.
'S iomadh òigear là idir, sunndach,
Agus caileag laghach, ghaolach,
A tha sgìth a' cur nan caolan
Às na daolagan le clà ran.
Bheir mi dhaibh am puinnsean neartmhor
Tha na Frangaich dhuinn a' cleachdadh;
Uair no dhà a h-uile seachdain
Nì mi 'm peacach gann de nà mhaid.
Tuilleadh Fiosrachaidh: Daolagan Cholarà do
Glè thric bhiodh bà ird Cheap Breatainn a' stèidheachadh òrain ùra air na seann òrain no a' gabhail iasad air fonn aithnichte airson òran ùr a dhèanamh agus 's e sin a tha air tachairt an seo. Chan eil fhios cò ùghdair an òrain, ach tha e follaiseach gu robh e air a bhuaireadh gu mòr leis a' phlà igh ris an canar Daolagan Cholarà do.
Nì na daolagan seo (Leptinotarsa decemlineata) sgrios gu h-à raidh air buntà ta ach cuideachd air planntaichean tomà to. Tha iad nas giorra na leth-òirleach a dh'fhaid, le corp buidhe no orainds, le còig srianagan donna air na sligean aca.
Ann am prògram a rinn e air Ã’°ù²¹¾±²Ô à Ceap Breatainn thuirt Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain mu Dòmhnall Iain ...
Fiosrachadh air Dòmhnall Iain MacDiarmaid / Learn more about Dòmhnall Iain MacDiarmaidÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.