Òran air a sgrìobhadh le: iain macFhionghain agus air a sheinn le: dòmhnall mac na ceà rdaich agus Ellen Nic na Ceà rdaich.
This is a song written by: iain macFhionghain and sung by: dòmhnall mac na ceà rdaich and Ellen Nic na Ceà rdaich.
'S tha 'n Ariel bhòidheach gar feuchainn aig seòladh
Airson a bhith còmh' rinn 's bu chòir dhi bhith ann;
Ach le mheud 's fhuair thu dh' fhòghlam an toiseach do thòisich,
Gun bheat thu iad còmhla 'n à m crosadh na Line.
'S i ghearradh an fhairge mar shiosar air caimrig,
'S bha Chinaman mailidheach na dhealbh air a sròin;
'S i thà irngeadh an t-sùrdag air bhà rr nan tonn dùbhghorm,
Mar fhiadh anns a' bhùireadh air chùl nam beann mòr.
'S nuair a chroch thu cuid aodaich am bà rr a cruinn chaola,
'S i dh'fhalbh gu h-aotram mar fhaoileag nan tonn;
Gaoth-tuath 's i na frasan mar luaidhe ga sadadh,
'S bha fuaim aig a darach 's i sgapadh nan tonn.
'S nach gabh sinn an t-òran a rinneadh do Dhòmhnall
Bhon bha thu cho fòghlaimt' air seòladh nan long:
Choisinn e an t-urram à China gu Lunnainn
'S gur feà rr leam na m' uile gun bhuidhinn e 'n geall.
Rugadh Ellen Nic na Ceà rdaich ann an 1965 agus thogadh i ann an Inbhir Ghrainnse, far an deach i do Bhun-sgoil Sacred Heart. An dèidh ...
Fiosrachadh air Ellen Nic na Ceà rdaich / Learn more about Ellen Nic na Ceà rdaichCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.