Òran air a sgrìobhadh le: Eanraig MacIlleBhà in (Fionn) agus air a sheinn le: Niall MacIllEathain.
This is a song written by: Eanraig MacIlleBhà in (Fionn) and sung by: Niall MacIllEathain.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Dhealaich mise nochd rim leannan,
Dhealaich mi rim leannan fhèin;
Dhealaich mise nochd rim leannan,
Mìle beannachd às a dèidh.
Och mo thruaigh, cha d' fhuair mi fanachd
Leis a' chaileig mheal gach buaidh,
Theich an uair air sgiath na cabhaig,
'S b' fheudar dealachadh rim luaidh.
Ceart mar thriallas sgà il an tanaisg
No mar dhealan anns an speur,
'S ann mar sin a chaill mi sealladh
Air an ainnir fhuair mo spèis.
Bhon a chuir mi fhìn ort aithne,
Bha thu beusach, banail, ciùin;
Chaoidh chan fhaic mo shùil air thalamh,
Tè cho airidh air gach cliù.
Blà th-shuil chaoin as caoile mala,
Cuailean mìn nan camag donn;
Deud gheal, ghrinn fo bhilean tana,
Cneas mar eala bhà n nan tonn.
Cha tèid mise chùirt nan gallan,
Chan eil aighear dhomh fon ghrèin,
'S ann a bhios mo chridhe fo smalan
Gus an till mo leannan fhèin.

Ged a rugadh e ann an Glaschu, 's ann an Earra-Ghà idheal, ri taobh Loch Eala, a fhuair Niall MacIllEathain (1896-1962) à rach. Bha a sheanair agus ...
Fiosrachadh air Niall MacIllEathain / Learn more about Niall MacIllEathainCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.