Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh MacLeòid (Murchadh a' Cheisteir) agus air a sheinn le: Cairistìona Sheadha.
This is a song written by: Murchadh MacLeòid (Murchadh a' Cheisteir) and sung by: Cairistìona Sheadha.
Dùisg, anam, dùisg agus gabh don choinneamh ùrnaigh
Mu fosgail thu do shùil ann an dòrainn.
Do leisgeulan as ùr dhut, cha seas iad aig a' chùirt thu
'S cha chuidich iad a-null thu air Iòrdan.
Dìtear leis a' chloinn thu a their nach fhacas ann thu
Is cha bhi leisgeul ann aig do sheòrsa.
Chan fhalaich beinn no stùc thu, chan fhalaich cnoc no cùil thu
Bho lasadh deà lrach sùilean Iehòbha.
Mo bheannachd aig na fiùrain tha cumail coinneamh ùrnaigh
Tha seinn ann air cliùthan Iehòbha.
Thèid iad tron an tùisear an tagraidhean 's an ùrnaigh
Is sèilichear le triùir ann an glòir iad.
Glaodhaibh mach le aoibhneas mar fhianaisean na h-oighreachd
'S nach coma leibh gad chluinnt' ann an glòir sibh.
Bidh gà irdeachas air ainglean ag èisteachd bean na bainnse
'S i frithealadh don dream sin tha leòinte.
Nan tosdadh iad na laoich ud 's na fanadh iad gun ghlaodhaich
Nan caidleadh iad mar aon dhe na h-òighean,
Na clachan bhiodh a' glaodhaich le fianais air a thaobh-san
Is dhìteadh iad an saoghal nan ònar.
Ma dh'aidich thu nis Crìosda, 's gun d' thog thu air an fhianais,
Ma ghabh thu dhan an fhìon aig a bhòrd-san,
Nach nochd thu fèin don t-saoghal gun tug thu grà dh is gaol dha
'S gu leanadh tu far-aon anns an fheòil e.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha laoidhean agus òrain Mhurchaidh a' Cheisteir rim faighinn anns an leabhar Bà rdachd Mhurchaidh a' Cheisteir, air fhoillseachadh le The Darien Press Ltd, Dùn Èideann, 1962.
Cuideachd, tha fiosrachadh mu Chairistìona agus a piuthar Peigi anns an iris aig Sgoil Eòlais na h-Alba, Tocher, Àireamh 41.
B' i Cairistìona Sheadha nighean le Uilleam Donn Dòmhnallach à Àrd Àsaig, Na Hearadh. Thà inig Uilleam à Srannd, an ceann a deas Na Hearadh, agus ...
Fiosrachadh air Cairistìona Sheadha / Learn more about Cairistìona SheadhaCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.