Òran air a sgrìobhadh le: dòmhnall macFhionghain (Dòcan Phà draig) agus air a sheinn le: bannal bana-Bharrach.
This is a song written by: dòmhnall macFhionghain (Dòcan Phà draig) and sung by: bannal bana-Bharrach.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Fhearaibh! Chan e breugan
A th' ann mu each Nèill Iagain,
Chunna mise bhiastag a' dannsa.
Thà inig e don phorch,
Agus mise gabhail port ann
Is thòisich e air nodadh le cheann rium.
Nuair a thug mi sùil
Gun robh poit anns an robh bùla
Crochte ris a' bhrùid a bha sanntach,
Cha b' e bean no pà iste
A bheireadh air an à igeach
Is barailte buntà t' fo chommanda.
'S ann thòisich e air tionndadh
A dheireadh 's e cho diombach,
Thuirt Ailean Ailig riumsa "Bheil ceann air?"
Chan aithneadh duine choltas
Fhad 's a mhair am poca
Thug mise leam an fhorc ga cur annsan.
Nuair a chaidh mi sìos
Gun robh preasa san robh iarainn
Coireachan is miasan is lanntair
Aige-san nam pìosan –
Crannachan gun sgeul air
Is loinneid 's i na bheul aig an t-srainnseir.
'S ann a ghabh am fuathas
Roimhe Peigeag Ruairi
Nuair chunnaic i e gluasad a' frying-pan
Uighean agus ìm aice
Dheasaich i gu dìnnear
Dh'ith e h-uile bìdeag gun taing dhith.
Nam bithinn-sa nan à ite
Reicinn ris na ceà ird e,
Bhiodh e math gu trà ladh na van dhaibh.
Ged leigeadh iad mu rèir e,
Bheireadh e e-fhèin à s
Ged tha e gun Bheurla, gun Fhrangais.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.