Òran air a sgrìobhadh le: Donnchadh Cuimeanach agus air a sheinn le: Donnchadh Peutan.
This is a song written by: Donnchadh Cuimeanach and sung by: Donnchadh Peutan.
Mi air m' uilinn am leabaidh,
O! cha chadal 's cha tà mh,
Chi mi Eala nan Cuaintean,
Ga toirt uam th' air mo cheann;
'N dèidh 's mo lìon chuir man cuairt di,
'S a cuairteach gu trà igh,
Bha mo dhubhan gun bhiadh air,
'S gum bu dìomhain mo dhà n.
Bha mo dhubhan gun bhiadh air,
'S mi gun airgead am phòc,
No mo chrodh air na buailtean,
No caoirich gan cuairteach gu crò,
No mo là raichean searraich,
Gan teà rnadh gu baile le ceòl;
Och! 's ann rinn thu mo mhealladh
Mar rinn Iùdas nuair dh'iarr e phòg.
B' olc an car a rinn Iùdas,
Nuair dhiùlt e bhith dìleas do 'n chòir,
Ghabh e comhairl' a' mhealltair,
'S thug e mhaighstir thairis don mhòd;
Ged a thug mi dhut samhladh
Le tuit'mas cainnte mo bheòil,
B' e mo dhùrachd gun teagamh,
Bhi sìnte ri d' leisreadh ri m' bheò.
Ged b' e siud mo là n dùrachd,
O na dhiùlt thu mo chaidreabh an drà st',
Chan iongna dhòmhsa bhi dìleas,
Ge b' e neach don innsinn mar bha;
Ge b' e aon neach do 'n innsinn,
Miad ur brìodal thar chà ch,
'S thu ann ghlacan gu dìomhair,
S do ghealladh cho cinnteach 's am bà s.
Bha do ghealladh cho cinnteach,
'S ged a sgrìobht' e le peann,
Air a dhaimhneach on Bhìoball
Gum biodh tu dìleas 's gach à m;
Ach ma thèid mi gu còir leat,
Mar bu chòir dhomh dol ann,
'S mi a dhèanadh do phòsadh,
Le m' uile dheòin 's ann gun taing.
Nach eil eagal ortsa a d' anam
Airson bhi eathaich a d' chainnt,
Nach eil thu fo chùram
Airson nan cùmhnantan teann;
Airson nan cùmhnantan daingeann
A bh' againn sa ghleann,
Pòs is ceangal gun fhios,
Ged bhithinn brist le do ghrà dh.
Gur tu meann anns a' ghà rradh,
'S cùbhraidh fà ile ri m' shròin,
'S tu gheug ùr a dh'fhàs à lainn
Null 's a-nall le gaoith mhòir;
Thà inig osag den ioma-ghaoith,
Sguab i aon de na meòir,
'S an ath-sgrìob thug i rithist,
Rinn i 'n t-slighe bu chòir.
Ged rinn thusa an t-slighe,
'S dh'fhà g thu mise fo bhròn,
Mar fhear garadh gun mhios mi,
Mar dhuine misgeach ag òl,
Mar shaighdeir gun chlaidheamh,
Mar ghobhainn gun òrd,
Mar shealgair gun ghunna
No mar chuilean gun sròin.
Mar chuilean gun sròin mi,
'S mi air cùl-luirg an ròin,
Nuair shaoil leis bhi aige,
Damh cabrach na cròic;
Fhleasgaich òig na cuir d' earbsa
Anns a' chalg th' air an fhiadh,
Ged fhaigh thu greim air bhà rr cròic air
Na cuir do dhòchas na bhian.
Na cuir dòchas ro là idir
Ann am bà ta gun stiùir,
No 's a' bhreac air an linne,
No an eilid nan stùc,
Anns an ròn th' air a' chladach
Na cuir idir do dhùil,
No 's an t-sionnach bheag charach,
Ged robh e 'm fagas do d' chù.
Greim air eà rr air a' bhradan,
No air chois deiridh air fiadh,
No air sgèith muice-mara,
'S gum bu sleamhainn i riamh;
Greim air chliathaich air loingeas,
'S ceart co-ionnan an gnìomh,
Is air là mh na h-ùr chailin
Bha gam mhealladh seachd bliadhn'.
Ach cuim am bithinn fo mhulad,
Fo thuireadh no prà mh,
Agus fios aig an t-saoghal
Cò a dh'aom anns an fhà il'n;
Mar thug Eubh 'n car às an duin' aic,
Nuair bha iad 's a' ghà rr',
'S ann mar sin tha mis' leatsa
Air mo mhealladh an-drà st'.
Air mo mhealladh a tha mi
Le do mhà nran 's gach uair,
Ach cuim an cuirinn ort coire,
Nan fana' tu bhuam;
Nuair bhithinn fo à mhghar,
Bhidh do là mh orm mun cuairt,
'G rà dh - "De 'n smuainrean th' air d' aire?
Cha toir fear gu brà th mise bhuat."
Is ionnan siud 's mar a thachair
Don aisleachan ùr,
'N gaol, chaolaich a chasan,
Agus dh'fhail e a chrùn;
Ghoid e bhòidhchead a bh' aige,
Agus phrap e a ghnùis,
Mar chraoibh gun fhreumhan air seachda,
'S i neo-dhreachmhor do 'n t-sùil.
Bu tu an rimhinn ùir uasail
Le d' chuman is buarach a' d' dhòrn,
Tarraing suas le d' chuid ghruagach,
Air feadh chruidh ruaidh thà in' à Bòid,
A chruidh dhuibh thà in' à Ile,
'S a chruidh bhà in thà in' à Leòdhs',
'S car thu Dhròbhair nan ciadan,
Fear thionnda lìonmhor nan còrn.
'S tu 'n fhaoilinn is gile,
No sneachd ga chur air an lòn,
'S tu 'n tà rmachan ceutach,
'S a' Bheinn Èibhinn 'm bi 'n ceò;
'S tu chuthag ghorm cheutach,
Madainn Chèitein chiùin cheòth'r.
'S tu 'n smeòrach air gheugan,
'S fheadan gleuiste chum ceòil.
Gur tu 'n liath-chearc 's an doire,
'S moich' a ghoireas le fuaim,
'S tu mo cheòl dol a chadal
'S anns a' mhadainn 'n à m gluasd;
An Taigh-mòra nan uinneag,
'S à rd a chluinninn mo rùn,
'S ann an coille nam badan,
'S tric am ghlacan bha thu.
Seo mar a bhruidhinn Ceana Chaimbeul air Donnchadh Peutan à Siadar, ann an Uig an Eilein Sgitheanaich, a tha a' seinn an ...
Fiosrachadh air Donnchadh Peutan / Learn more about Donnchadh PeutanCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.