Òran air a sgrìobhadh le: Eòghann MacLachlainn agus air a sheinn le: Còisir Ghà idhlig Inbhir Pheofharain, còisir ghà idhlig obar pheallaidh agus Teà rlach MacFhionghain.
This is a song written by: Eòghann MacLachlainn and sung by: Còisir Ghà idhlig Inbhir Pheofharain, còisir ghà idhlig obar pheallaidh and Teà rlach MacFhionghain.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Air fà illirinn ìllirinn ùillirinn ò,
Air fà illirinn ìllirinn ùillirinn ò,
Air fà illirinn ìllirinn ùillirinn ò,
Gur bòidheach an comann th' aig coinneimh 'n t-Srath-mhòir.
Gur gile mo leannan nan eal' air an t-snà mh,
Na cobhar na tuinne 's e tilleadh gu trà igh,
Nam blà th-bhainne buaile 's a' chuach leis fo bhà rr,
No sneachd nan gleann dosrach ga fhroiseadh mun bhlà r.
Mar na neòil bhuidhe lùbas air stùcaibh nan sliabh,
Tha cas-fhalt mo rùin-sa gu siùbhlach a' snìomh;
Tha gruaidh mar an ròs nuair is bòidhche bhios fhiamh
Fo ùr-dhealt a' Chèitein mun èirich a' ghrian.
Mar Bhèineas a' boillsgeadh thar choilltean nan à rd,
Tha mìog-shùil gam bhuaireadh le suaicheantas grà idh.
Tha brà ighe nan seud ann an èideadh gach à igh,
Mar ghealach nan speur 's i cur reultan fo phrà mh.
Bidh 'n uiseag 's an smeòrach feadh lòintean an driùchd,
Toirt fà ilte len òrain don òg-mhadainn chiùin;
Ach bidh 'n uiseag neo-sheòlta 's an smeòrach gun sunnd,
Nuair a thòisicheas m' eudail air gleusadh a ciùil.
Nuair thig samhradh nan neòinean a' còmhdach nam bruach
Bidh gach eòinean sa chròc-choill' a' ceòl leis a' chuaich;
'S bidh mise gu h-èibhinn a' leumnaich 's a' ruaig
Fo dhlùth-gheugaibh sgà ileach a' mà nran rim luaidh.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Ewen MacLachlan's Gaelic Verse. Comprising a Translation of Homer's Iliad, Books I-VIII, and Original Compositions deasaichte le Iain Dòmhnallach, Oilthigh Obar Dheathain, 1937.
Chaidh Còisir Ghà idhlig Inbhir Pheofharain a stèidheachadh bho thùs le Uisdean Alasdair Friseal, a bha na fhear-teagaisg Gà idhlig ann an Acadamaidh Inbhir Pheofharain. Rugadh e ...
Fiosrachadh air Còisir Ghà idhlig Inbhir Pheofharain / Learn more about Còisir Ghà idhlig Inbhir Pheofharain
Rugadh Teà rlach MacFhionghain ann am Brù, Leòdhas, ann a 1930. Bhuineadh a mhà thair, Mà iri Chaimbeul, do Chros, Nis agus b' ann à Brù a bha ...
Fiosrachadh air Teà rlach MacFhionghain / Learn more about Teà rlach MacFhionghainCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.