Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh MacLeòid (Murchadh a' Cheisteir) agus air a sheinn le: còisir ghà idhlig mhealbhaich.
This is a song written by: Murchadh MacLeòid (Murchadh a' Cheisteir) and sung by: còisir ghà idhlig mhealbhaich.
A chiall nach mise bha an Eilean an Fhraoich,
Nam fiadh, nam bradan, nam feadag 's nan naosg;
Nan lochan, nan òban nan òsan 's nan caol,
Eilean innis nam bò, 's à ite còmhnaidh nan laoch.
Tha Leòdhas beag riabhach bha riamh san taobh tuath
Muir trà ghaidh is lìonaidh ga iathadh mun cuairt;
Nuair dheà rrsas a' ghrian air le riaghladh o shuas,
Bheir i fàs air gach sìol airson biadh don an t-sluagh.
An t-eilean ro-mhaiseach, gur pailt ann am biadh,
'S e 'n t-eilean as à illt' air 'n do dheà lraich a' ghrian;
'S e eilean mo ghrà idh e, bha Ghà idhlig ann riamh,
'S chan fhalbh i gu brà th gus an trà igh an Cuan Siar.
'N à m èirigh na grèin' air a shlèibhtibh bidh ceò,
Bidh bhanarach ghuanach, 's a' bhuarach na dòrn,
Ri gabhail a duanaig 's i cuallach nam bò,
'S mac-talla nan creag ri toirt freagairt do ceòl.
Air feasgar an t-samhraidh bidh sunnd air gach sprèidh;
Bidh a' chuthag is fonn oirr' ri òran dhi fhèin:
Bidh uiseag air lòn agus smeòrach air gèig,
Is air cnuic ghlas' is leòidean uain òga ri leum.
Gach duine bha riamh ann bha ciatamh ac' dha,
Gach ainmhidh air sliabh ann chan iarr às gu brà th;
Gach eun thèid air sgiath ann bu mhiann leis ann tà mh,
Is bu mhiann leis an iasg a bhith cliathadh ri thrà igh.
Nam faighinn mo dhùrachd 's e lùiginn bhith òg,
'S gun ghnothach aig aois rium fhad 's dh'fhaodainn bhith beò;
Nam bhuachaill' air à irigh, fo sgà il nam beann mòr,
Far am faighinn an cà ise 's bainne blà th airson òl.
Chan fhacas air thalamh leam sealladh as bòidhche
Na a' ghrian a' dol sìos air taobh siar Eilean Leòdhais;
An crodh-laoigh anns an luachair 's am buachaill nan tòir,
Gan tional gu à irigh le à l de laoigh òg'.
Air feasgar a' gheamhraidh thèid tionndadh gu gnìomh,
Ri toirt eòlais do chloinn bidh gach seann duine liath;
Gach iasgair le shnà thaid ri cà radh a lìon,
Gach nighean ri cà rdadh 's a mà thair ri snìomh.
B' e mo mhiann bhith sna badan sna chleachd mi bhith òg,
Ri dìreadh nan creag anns an neadaich na h-eòin;
On thà inig mi Ghlaschu tha m' aigne fo bhròn,
Is mi call mo chuid claisneachd le glagraich nan òrd.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.