Òran air a sgrìobhadh le: Niall MacIllEathain (Bà rd Bhaile Ghobhainn) agus air a sheinn le: Lorna NicDhùghaill.
This is a song written by: Niall MacIllEathain (Bà rd Bhaile Ghobhainn) and sung by: Lorna NicDhùghaill.
'S tu nì mi mholadh le aoigh 's gu toileach,
Eilean Cholla dan tug mi luaidh,
Far an d' fhuair m' à rach nuair bha mi 'm phà iste,
'S tu gheibh chiad à ite gu brà th nam smuain.
Le aoigh 's le sòlas gun seinn mi òran
Don à ite 's bòidhche leam fhìn fon ghrèin;
'S tu, Eilean Cholla, nì mise mholadh,
An t-eilean mollach dan tug mi spèis.
Do chladach fiadhaich nuair bhios na siantan
Le oillt a' siabadh do thìr mun cuairt,
Ach bòidheach, greannmhor, ri fèath an t-samhraidh,
'S e dùsgadh sannt' a bhith measg an t-sluaigh.
Mo dhùrachd blà th nunn don eilean à ghmhor
San robh mo chà irdean a' tà mh bho chian;
'S e 'n t-Eilean Collach nì mise mholadh,
An t-à it' as à ill' air 'n do sheall mi riamh.
Rugadh Lorna NicDhùghaill ann an Grianaig ach thogadh i ann an Caol Loch Aillse far an robh a h-athair, an t-Urramach Iain MacDhùghaill, na mhinisteir ...
Fiosrachadh air Lorna NicDhùghaill / Learn more about Lorna NicDhùghaillCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.