Òran air a sgrìobhadh le: donnchadh macPhà idein agus air a sheinn le: Donella NicLeòid.
This is a song written by: donnchadh macPhà idein and sung by: Donella NicLeòid.
'S i annsachd mo chridhe, 's i solas mo shlighe,
I cho bòidheach, cho fìnealt, cho tlà th,
'S i leug an taobh siar an t-eilean beag ciar,
Eilean Idhe mo chridhe 's mo ghrà idh.
Ged a sheòl mi an cuan gu na dùthchannan cèin,
Ged a chuartaich mi 'n saoghal gu lèir,
Chan eil à ite fon ghrèin' tha nas bòidhche leam fhèin,
Eilean Idhe mo chridhe 's mo ghrà idh.
Tha mi fad' nis bho d' thrà igh 's bho do thonnan len gà ir',
'S mo chridhe fo mhulad 's fo phrà mh,
Ach thèid mi fhathast air chuairt gu do mhachraichean uain',
Eilean Idhe mo chridhe 's mo ghrà idh.
Nan robh mi san speur mar uiseag air sgèith,
Anns an iarmailt cho gorm is cho ciùin,
Ort dhèanainn mo chùrs' anns an fheasgar le sunnd,
Eilean Idhe nan naomh, Idh' mo ghrà idh.
Rugadh Donella NicLeòid ann an Steòrnabhagh air 3 Dà mhair, 1963. Ged a bha dachaigh an teaghlaich ann an Glaschu aig an à m, thill a mà thair, ...
Fiosrachadh air Donella NicLeòid / Learn more about Donella NicLeòidCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.