Òran air a sgrìobhadh le: murchadh macDhòmhnaill agus air a sheinn le: còisir òg a' bhac agus murchadh f. j. macLeòid.
This is a song written by: murchadh macDhòmhnaill and sung by: còisir òg a' bhac and murchadh f. j. macLeòid.
Eilean na Hearadh, eilean cùbhraidh nan gleannaibh,
Bha mi òg ann nam bhalach 's mi casruisgt' na lòn,
Am fianais an Tà rainn air cùl Cille Chà rnain,
Siud agaibh an t-à ite san deach m' à rach 's mi òg.
Nuair dhìreas mi suas ann air iomall a' Chruadhlaich,
Na Hearadh cho buadhach toirt bhuamsa na deòir',
Bha m' inntinn-sa crà iteach gus 'n d' fhuair mi bhith bà rdachd
Mun eilean as à ill' air an d' fhàs bile feòir.
Loch Sìophoirt is Mà raig is monadh Àird Àsaig,
Siud agaibh an t-à it' airson à l nan laogh òg,
Chì mi mun cuairt orm gach sruth agus fuaran
Ach cha chluinn mi am fuaim ac' le nuall nan damh mòr.
Guma slà n leis gach baile, gach òb agus carraig,
Gach gleann agus bealach far an caidil am fiadh,
Gus an tèid mi dhan anart bidh mo dhùrachd gun smà l air
Do dh'eilean na Hearadh tha fada mun iar.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.