Òran air a sgrìobhadh le: Seonaidh Moireasdan (Seonaidh Fhionnlaigh 'an 'ic Alasdair) agus air a sheinn le: Aonghas MacLeòid.
This is a song written by: Seonaidh Moireasdan (Seonaidh Fhionnlaigh 'an 'ic Alasdair) and sung by: Aonghas MacLeòid.
Eilean Scalpaigh na Hearadh,
Eilean maiseach mo ghrà idh,
Eilean torrach nan gleannaibh,
Nam bealach 's nan cà rn;
Far an robh mi o m' òige
Air bheag eòlais no cà s
Falbh nan cluaineagan bòidheach
Tha mu Òb Cheann a' Bhà igh.
Rubha Glas a tha bòidheach
Thogadh òg ann mi suas;
Siud mo rogha à ite-còmhnaidh
'M fianais mòr-thonn a' chuain,
'G èisteachd alltan a' bhearraidh
Ruith na dheannaibh a-nuas,
'S an à m èirigh is laighe
Ceòl na mara nam chluais.
Tìr nan òganan gasta
Tìr nan gaisgeach s nan sà r,
Tìr nam maraichean tapaidh –
Cà it' am facas na b'fheà rr?
Tìr nan òighean tha maiseach,
Cliùiteach, faic'lleach nan gnà ths –
Ann an grinneas s an dealbhachd
Fhuair iad ainm anns gach à it'.
Meall Chaileaboist tha sgiamhach,
Àite feuraich gach sprèidh -
Siud an sealladh as brèagha
Tha fo iarmailt nan speur,
Faicinn uain air gach bealach
Aotrom, ealant' a' leum
'S eòin an t-slèibh' 's iad ri caithream
Air gach bearradh is gèig.
Na chaidh seachad a linntean
Sheall iad dìlseachd gu bà s;
Thug iad fà thachd don an Rìgh ann,
'S airgead-cinn air bha à rd –
'M Prionnsa Teà rlach , an t-uasal
Rinn e suaimhneach ann tà mh,
'S cha robh neach ann thug suas e,
Ged bha ruaig air s gach à it'.
Soraidh slà n leis an eilean,
Eilean maiseach an fhraoich,
Eilean suairce na GÃ idhlig
Far an do dh' Ã raicht' na laoich;
Gu ma slà n leis gach cà rnan,
Gach trà igh agus caol -
Siud mo dhùrachd 's mo bheannachd
Do Eilean Scalpaigh mo ghaoil.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha a' bhà rdachd aig Seonaidh Fhionnlaigh ri fhaighinn san leabhar Tiugainn do Scalpaigh, air fhoillseachadh an 1999 le Bill Lawson Publications, An Taobh Tuath, Na Hearadh.

Rugadh Aonghas C. MacLeòid ann an Scalpaigh anns an Dùbhlachd, 1927. B' e an siathamh duine cloinne aig Coinneach Iain 'ac Dhòmhnaill 'ic Chaluim à ...
Fiosrachadh air Aonghas MacLeòid / Learn more about Aonghas MacLeòidCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.