Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall 'Ruadh' Dòmhnallach agus air a sheinn le: Iain Moireasdan.
This is a song written by: Dòmhnall 'Ruadh' Dòmhnallach and sung by: Iain Moireasdan.
Gur mi bha gòrach a' fà gail Bhòrnais,
An t-à ite as bòidhche tha an-diugh fon ghrèin,
Ged tha clach ri faotainn is geugan fraoich
Tha talamh maoth ann is e farsaing rèidh.
A' chruit is brèagha air an deà lraich grian
Is Loch an Iasgair 's e shìos fo ceann,
Am breac cho lìonmhor dol dhan lìon
'S gach gnè de eunlaith mu a chladach thall.
Gur ann Didòmhnaich a dh'fhà g mi Bòrnais,
Bha m' inntinn brònach 's mi sileadh dheur,
Mi fhìn 's mo phà istean cur cùl rir n-fhà rdaich
Far am faighte tà mh agus cadal rèidh.
'S ann tha mi 'n-drà sta aig iomall fà saich,
'S tha m' inntinn crà iteach 's cha dèan e feum.
Gur bochd an saoghal mar nì e caochladh
'S a tha mise nam aonar an seo leam fhìn.
Gur tric mi smaoineachadh air na caoraich
Air na maolaidhean dh'fhà g mi thall,
Aig Cnoc na Fèilleadh bidh iad nan treudan
'S an cìobair gleusta gan cumail ann,
'S iad fhèin 's na h-ògain dol suas gu Bòrnais,
B' e 'n sealladh bòidheach e aig an à m.
'S aig à m an rùsgaidh bidh airm gan tionndadh
'S a' chlòimh na dùnan air gach taobh den fhang.
Gur sinn bhiodh sunndach aig à m bliadhn' ùire
A' dèanamh sùgradh leis na gillean òga,
Mi fhìn 's mo chà irdean gu cridheil, bà idheil
Ag òl deoch-slà inteachan dhaoine còir.
San eilean uasal gun teas gun fhuachd ann
Ach gaoth a tuath nach dèan coire mhòr
Gun caidlinn suaineach an lagan luachrach
Gus an dùisginn suas anns a' mhadainn òig.
An à m bhith 'g èirigh sa mhadainn Chèitein
Bidh ceò air slèibhtean 's air bhà rr nam beann;
Bidh ciorrach mìn anns na glinn as ìsle
Is dealta mhìn a' toirt a-mach an fheòir.
Bidh crodh air cruaichean nam beanntan uasal
Gun sileadh fuar na gun reothadh mòr,
Gus an tig am buachaille bhios gan uallach
'S gun tog e suas iad ri bonn a' cheò.
Chan ionnan à ite sa bheil mi 'n-drà sta
Bidh an teas gam chnà mh fhad 's bhios mi beò.
Bidh am fuachd gam chiùrradh an à m na Dùbhlachd
Le clogaid dhùbailt mar bhian a' ròin.
Cha tèid mi air chèilidh, cha dèan e feum,
Ach 's fheudar gèilltinn an seo rim bheò,
Mi dol bhom smaointinn 's an doras dùinte,
'S nach faigh mi null far bheil Dòmhnall Mòr.

'S ann à Cill Pheadar an Uibhist a Deas a bha na daoine aig Iain Moireasdan, Iain Mhic Iain Bhà in. Bha Iain agus a bhean Annag ...
Fiosrachadh air Iain Moireasdan / Learn more about Iain MoireasdanÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.