Òran air a sgrìobhadh le: Èideard Pursell (Ìomhair Mac Sporain) agus air a sheinn le: donnchadh macIllEathain, còisir à rd-sgoil an òbain agus Dòmhnall MacLeòid.
This is a song written by: Èideard Pursell (Ìomhair Mac Sporain) and sung by: donnchadh macIllEathain, còisir à rd-sgoil an òbain and Dòmhnall MacLeòid.
Deòir air mo shùil chaidh m' aighear air chùl,
Iùbhrach air ghleus gam ghiùlan thar sà il,
On tha mi gad fhà gail, eilean mo chridh',
Sòlas is sìth ort 's à gh.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Muile nam fuar bheann, Mòrbhairn' an à igh,
Apainn na grèine 's Latharn' mo ghrà idh,
'S an t-eilean beag uain' an caidreabh a' chuain,
Eilean dan tug mi bà idh.
Cadal no dùsgadh cluinnidh mi uam
A' bhanarach òg ri luinneig mun chrò,
'S an ùr-mhadainn Chèit 's an smeòrach air geug
A' gleusadh a pìob gu ceòl.
Sìoda is sròl chan iarrainn rim dheòin,
No seudan is stòr no leabaidh chlòimh à rd,
B' e m' aighearachd bhuan an à irigh bheag uain'
Is cadal gu suain air là r.
Soraidh le coilltean, soraidh le trà igh,
Is soraidh le à illeachd, soraidh le bà igh,
On tha mi gad fhà gail, eilean mo chridh',
Sòlas is sìth ort 's à gh.
'S ann à Port na h-Abhainne ann an Ìle a tha Dòmhnall MacLeòid, baile beag anns nach eil ach nas lugha na dà cheud neach ...
Fiosrachadh air Dòmhnall MacLeòid / Learn more about Dòmhnall MacLeòidCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.