Òran air a sgrìobhadh le: Niall MacLeòid agus air a sheinn le: art macCarmaig, Art MacCarmaig, còisir à rd-sgoil loch abar agus fionnlagh a. g. macEachainn.
This is a song written by: Niall MacLeòid and sung by: art macCarmaig, Art MacCarmaig, còisir à rd-sgoil loch abar and fionnlagh a. g. macEachainn.
O! fà ilte air do stùcan,
Do choireachan ùdlaidh,
Do bheanntanan sùghmhor,
Far an siùbhlach am meann!
Tha 'n geamhradh le dhùbhlachd
Mu na meallaibh a' dùnadh,
'S gach doire le bhùirean
Air a rùsgadh gu bonn.
Chì mi an Cuiltheann
Mar leòmhann gun tioma,
Le fheusaig den t-sneachd'
Air a phasgadh ma cheann;
'S a ghruaidhean a' srùladh
Le easanan smùideach,
Tha tuiteam nan lùban
Gu ùrlar nan gleann.
Do chreagan gu h-uaibhreach,
Mar challaid mun cuairt dhut,
'S na neòil air an iomairt,
A' filleadh mum bà rr;
'S am bonn air a sguabadh
Le srùlaichean gruamach,
Bho bhà rcadh a' chuain
A' toirt nuallain air trà igh.
O cà it eil na gaisgich
A dh'Ã raich do ghlacan,
Bu shuilbhire macnus
Mu stacan a' cheò?
Le fùdar ga sgailceadh
Bhon cuilbheirean glana,
'S na mial-choin nan deannaibh,
Nach fannaich san tòir.
Na laoich nach robh meata
Ri aodann a' bhatail,
Nach aomadh gu taise
Ri caismeachd an nà mh;
Chan eil raon agus machair
Air 'n do sgaoil iad am bratach,
Nach d' fhà g iad an eachdraidh
Gun mhasladh dan à l.
Ach tha 'm fà rdaichean sguabte,
'S an seòmraichean uaine;
Iad fhèin is an gaisge
Nan cadal fon fhòid;
'S tha osag nam fuar-bheann,
Le h-osnaidhean gruamach,
Gan caoidh mu na cruachan,
'S a' luaidh air an glòir.
O! cà ite bheil gach sòlas
Bha agam nam òige,
Toirt meal' às na ròsan
Mud chòsagan tlà th?
Tha companaich m' eòlais
Air am fuadach bhon còmhnaidh,
Tha mhil air a deòghal
'S na ròsan gun bhlà th.
Ach 's caomh leam do ghleanntan,
Do shrathan 's do bheanntan,
'S an ceò tha na chadal
Air baideal nan à rd;
Na ciabhagan torach,
Na srònagan corrach,
'S na sruthain ri coireal
Don eilid 's da h-Ã l.
Gu ma buan a bhios d' eachdraidh,
Agus cliù aig do mhacaibh,
Gus an crìonar an talamh,
'S am paisgear na neòil!
Fhad 's bhios sìaban na mara
A' bualadh air carraig,
Bidh mo dhùrachd gun deireas
Do dh'Eilean a' Cheò.

Rugadh agus thogadh Art anns an Eilean Sgitheanach far a bheil e fhathast a' fuireach, ann am Port Rìgh, còmhla ri a bhean, Shona, agus ...
Fiosrachadh air Art MacCarmaig / Learn more about Art MacCarmaigCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.