Òran air a sgrìobhadh le: iain macFhearghais (Am Fiadh) agus air a sheinn le: coinneach r. moireach agus dòmhnall macÌosag.
This is a song written by: iain macFhearghais (Am Fiadh) and sung by: coinneach r. moireach and dòmhnall macÌosag.
O fà ilt' air Rubha Bhatairnis gur maiseach leam do
chluaintean,
Thoir soraidh slà n gu Hà llain 's nach fhaod mi thrà igh a
bhualadh.
'S i Ghearmailt le cuid innleachdan a chuir mi fhìn gu
cuantan,
'S nam faighinn dhachaigh sà bhailte 's i Mà iri nach biodh
gruamach.
'S gun aithnichinn fhìn do bheanntannan 's gach gleann a
tha mun cuairt dhut,
'S gur ann aig Lag an t-Sìthein tha 'n rìbhinn rinn mo
bhuaireadh.
Bha uair a gheibhte fiùrain ann an Trùmpan 's a' cheann
uachdrach,
A dh'fhalbh a dhìon ar dùthcha dhuinn tha 'n-diugh san ùir
mun cuairt dhaibh.
Tha 'n oidhche dorch 's i tarraing oirnn 's tha mulad air
mo bhuaireadh;
Tha ghaoth an ear a' sèideadh oirnn is Èirinn air an
fhuaradh.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.