Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Art MacCarmaig.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Art MacCarmaig.
Fhir a shiubhlas na frìthe, tha thu sìor thighinn fainear dhomh
Tha mi 'g innse le fìrinn an nì rinn mo sgaradh;
Chan e gearradh an luaidhe a rinn am bualadh cho neimheil
Ach na dh'fhuirich dhem chà irdean anns a' bhlà r a bha 's t-earrach.
Tha mo chiabhag air glasadh, tha mo lethcheann air mùthadh
Tha mo shùilean a' sileadh, tha mo chridhe bochd, brùite;
Len a dh'fhuirich dhem chà irdean 's an là r 'n deach a rùsgadh
'S e mheudaich mo chrà dh gun fhios co chà raich an ùir orr'.
Chan eil diùc ann an Albainn no gu dearbh ann a Sasainn
Nach iarradh an òigear deas òg bhith na mhac dha;
Ann an toiseach do thìme ghlac thu inntinn bha beachdail
Bha thu foghainteach, rìoghail, bha thu dìleas bha 'n aidmheil.
Ach sguiridh mise gar 'n iomradh no idir gar 'n à ireamh
Bhon a chaill mi na gibhtean nach tig gu latha brà th
'S ged a thigeadh Rìgh Seumas 's a dh'èighear gach srà id e
Ann an deireadh gach cùmailt, bidh mo chùis-sa mar tha e.

Rugadh agus thogadh Art anns an Eilean Sgitheanach far a bheil e fhathast a' fuireach, ann am Port Rìgh, còmhla ri a bhean, Shona, agus ...
Fiosrachadh air Art MacCarmaig / Learn more about Art MacCarmaigCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.