Òran air a sgrìobhadh le: Eanraig MacIlleBhà in (Fionn) agus air a sheinn le: ceòlraidh ghà idhlig ghlaschu.
This is a song written by: Eanraig MacIlleBhà in (Fionn) and sung by: ceòlraidh ghà idhlig ghlaschu.
Gur mise tha tùrsach a' caoidh còr na dùthcha,
'S nan seann daoine cùiseil bha cliùiteach is treun;
Rinn uachdarain am fuadach gu fada null thar chuantan,
Am fearann chaidh thoirt uapa 's thoirt suas do na fèidh.
'S e siud a' chulaidh nà ire bhith faicinn dhaoine là idir,
Gam fuadach thar sà ile mar bharrlach gun fheum,
'S am fonn a bha à lainn chaidh chur fo chaoraich bhà na,
Tha feanntagach sa ghà radh 's an là rach fo fheur.
Far an robh mòran dhaoine lem mnathan is len teaghlaich,
Chan eil ach caoraich mhaola ri fhaotainn nan à ite,
Chan fhaicear air a' bhuaile a' bhanarach le buaraich,
No idir an crodh guaillfhionn 's am buachaille bà n.
Tha 'n uiseag anns na speuran a' seinn a luinneig ghleusta,
'S gun neach ann ga h-èisteachd nuair dh'èireas i à rd;
Cha till, cha till na daoine bha cridheil agus aoigheil
Mar mholl air latha gaoithe chaidh an sgaoileadh gu brà th.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.