Òran air a sgrìobhadh le: deòrsa caimbeul agus air a sheinn le: Murchadh Iain MacCoinnich.
This is a song written by: deòrsa caimbeul and sung by: Murchadh Iain MacCoinnich.
Cha dìrich mi bruthach 's cha siubhail mi còmhnard
Tuilleadh rim bheò is mo smeòrach na tà mh,
Ach èistidh mi ghà ire thig o bhà rr nan tonn mòra,
'S dh'fhuiling mi bròn gu leòr air do sgà th.
Oir chunnaic mi 'n eathar a' feitheamh na h-uair',
Is mhealladh i bhuam-sa gruagach mo ghrà idh;
Ma sgaradh o chèile sinn, b' èibhinn an uaigh,
Seach an-shocair bhuan, is gun bhuaidh aig a' bhà s.
A mhaighdeann is bòidhche na smeòrach sa Chèitein,
Soilleir an sgeul tha ri leughadh an-drà sta;
Ged 's bòidheach an conasg, gur stobain gu lèir e,
'S faiceallach thèid gach creutair na dhà il.
Le soirbheas 's le sruithean mar ghuidhinn, ad dhèidh,
Gach caladh an tèid thu, gheug an fhuilt thlà th,
Bidh mise trom dubhach air tulaich leam fhìn,
'S mi sruthadh nan deur gu geur air do sgà th.
Nach fuirich thu, rìbhinn phrìseil, phrìseil,
Fuirich a rìbhinn is dìlse na cà ch,
A mhaighdeann is luraiche, fuirich an ÃŒle,
Òg-bhean is dìlse chì mi gu brà th.
Ma tha thu gun fhortan, chan eil tochradh a dhìth orm,
Airgead no nì ged nach eil ann ad là imh,
O bheir mi mo mhionnan nach fhaic thu mo mhì-thlachd,
'S gheibh thu bhuam sì-chainnt, seirc agus grà dh.
Fhuair mise litir 's mi fà gail na tìr' seo
Bho fhear a bha dìleas dhomh ann an dà imh,
Chan urrainn mi freagairt 's mo chridh' ann an ÃŒle,
Glaist' aig an rìbhinn 's ise 'n Ceann-trà igh.
Mo shoraidh don Oa, gu bean òg a' chùil shnìomhain
'S deimhinn leam fhìn gun tug mi dhut grà dh,
Ach ma bhios mi maireann thèid mi fhathast do dh'Ìle
'S dhut-sa gu cinnteach bheir mi mo là mh.

Rugadh Murchadh Iain MacCoinnich, Murdo John na Mol, ann an Cros, ann an Nis, Leòdhas, air 6 Ògmhios 1943. B' e Murchadh a bh' air ...
Fiosrachadh air Murchadh Iain MacCoinnich / Learn more about Murchadh Iain MacCoinnichCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.