Òran air a sgrìobhadh le: Dùghall Bochanan agus air a sheinn le: Seasaidh NicAoidh.
This is a song written by: Dùghall Bochanan and sung by: Seasaidh NicAoidh.
'S e fulangas mo Slà naighear
A bhios mo dhà n a' luaidh,
Mòr-irioslachd an à rd-righ sin
Na bhreith 's na bhàs ro chruaidh;
'S e 'n t-iongantas bu mhìorbhailich
Chaidh innse riamh do shluagh,
An Dia bha ann o shìorraidheachd,
Bhi fàs 'na chìochran truagh.
'Nuair ghabht' am brionn na h-òighe e,
Le còmhnadh Spioraid Dhè,
A chùm an Nà dar Daonna sin,
A dhèanamh aon ris fèin;
Ghabh e sgà il mu Dhiadhaidheachd,
'S de 'n Bhriathar rinneadh feòil,
Is dh'fhoillsich an rùn dìomhair sin,
Am pearsa Chrìosd le glòir.
Rugadh 'n stà ball dìblidh E,
Mar dhìlleachdan gun treòir,
Gun neach a dhèanadh cà irdeas ris,
No bheireadh fà rdach dhò;
Gun mhuinntir bhi ga fhrithealadh,
No uidheam mar bu chòir,
Ach eich is daimh ga chuartachadh,
D' an dual gach uile ghlòir.
Mu'n gann bha fios gu'n d'thà inig E
Do dhùisg dha nà imhde mòr;
Is b'fheudar teich do'n Èiphit leis,
Roimh Herod bh' air a thòir;
Is è cho nà imhdeil dìoghaltach
Chum Ìosa chur gu bà s,
'S gun mharbhadh leis gach cìocharan
Na rìoghachd bha, gun dà il.
Bha tuill aig na sionnachaibh
Gum falachadh o theinn;
Bha nid aig na h-eunlaithe
An geugaibh à rd nan crann;
Ach Esan a rinn uile iad,
'S gach nì sa chruinne-chè
Bha E fèin na fhògarrach,
Gun chòmhnaidh aig fon ghrèin.
Am feadh 's a ghabh an Slà naighear
Mar ionad tà imh an saogh'l,
Mar lèigh ro iochdmhor fà bharach
Bha leigheas chlann nan daoin';
'N aon eucail riamh bu ghà bhaidh bh' ann,
'S gach galar crà iteach geur,
Do thionndaidh E chum slà nachaidh
Nuair labhradh E o bheul.
Thug teanga do na balbhanaibh,
'S don bhacach mhall a lùth,
Don bhodhar thug E chlaistinneachd,
'S do dhaoine dall an iùl;
Na lobhair bhreun do ghlanadh leis,
Cur fallaineachd nam feòil,
'S leighis gach eucail anma E,
'S na mairbh do thug E beò.
Do shearmonaicheadh an soisgeul leis,
Do dhaoine bochda, truagh,
Is gheall E saorsa shìorraidh dhaibh
Bha 'n glais fo chìs ro chruaidh;
Na'n gabhte ris an fhìrinn leoth',
Le creideamh fìorglan beò,
'S gum biodh iad air an iompachadh
O ghnìomharraibh na feòl'.
Lean buidheann tur do'n fhà sach E,
Is dh'fhan trì là ith' na chòir,
Còig mìle bha de dh'à ireamh ann
Bh' air fà illneachadh chion lòin;
'N ro bheagan fhuair iad, bheannaich E,
'N dà iasg 's còig arain eòrn',
Is dh'ith iad gus na shà saich' iad
Is dh'fhà g iad nì bu leòir.
Do chaisgeadh onfhadh chuantan leis,
'S an tonnan uaibhreach mòr,
A' ghaoth ro là idir, bhuaireasach,
Do chuartaich E na dhòrn;
Ach aithris air gach mìorbhaile,
Rinn Iosa à nns an fheòil,
Cha chumadh 'n saogh'l de sgrìobhannaibh,
Na dh'innseadh e gu leòir.
Ach nuair bha 'n t-à m a' dlùthach' ris
Gun siùbhladh E chum glòir,
Ghairm E thuige dheisciobuil,
Is dheasaich E dhaibh lòn:
Chuir E sìos nan suidhe iad,
'S gach uidheam air a' bhòrd;
Aran 's fìon do riaraich orr'
Bha ciallach' fhuil is fheòil.
Is thug E sin mar òrdugh dhaibh
Bhi 'n còmhnaidh ac' gu brà th,
A dh'fhoillseachadh mhòr-fhulangais,
A dh'fhuiling air an sgà th:
Gun itheadh is gun òladh iad
Do dh'fheartaibh mòr a ghrà idh,
'S gum bitheadh e mar chuimhne aig
A mhuinntir air a bhà s.
Nuair thà inig chum a ghà rraidh E
Do bhi a chrà dh ro mhòr,
Nuair fhuair E 'n cupan feirge sin,
Bha oillteil searbh r'a òl;
Air ghoil bha chuisle craobhach-san
Tre chorp ro naomh ga fhà sg',
Na fhallas fola braonadh mach
Tre aodach air an là r.
'N sin thuit E air a ghlùinibh sìos
A' dèanamh ùrnaigh ghèir;
"O Athair chaoimh ma's comas e,
An deoch seo cuir uam fèin;
Ach seo a' chrìoch mun d'thainig mi
Gu'n sà bhalainn mo threud,
Mar sin nì iarram fà bhar, ach
Do thoil gu brà th bhi dèant'".
B' e sud an cupan uamhannach,
A fhuair E ann a là imh;
Peacadh 'n t-saogh'l ga chuartachadh
'S gach duais a bhuineadh dhà ;
Na dh'fhuil'geadh 'n saoghal gu sìorraidheachd
De phiantaibh is de chrà dh,
Chaidh siud a leigeadh còmhla air,
'S an deoch ud dh'òl nan à it'.
B' e 'n diabh'l a shealbhaich Iùdas sin,
Le chridhe dùbailt' fiar,
An cealgair sanntach, lùbach ud,
A chuir du-chùl ri Dia;
An troiteir reic e Shlà naighear,
'S a mhaighstir grà dhach fèin,
Is bhrath da nà imhde bà smhor E,
Fo chà irdeas pòg a bhèil.
An sin do rinn iad prìosanach
De dh'Ìosa gun chionfà th,
Is thug iad dh'ionnsaidh Phìleat E,
Gun dìteadh e chum bà is:
Is dhìt am breitheamh eucorach
Le fianais bhrèig an Tì,
Bha chogais fèin ag innse dha
Bhi dìth-chiontach is fìor.
Do cheangail agus sgiùrs iad E
Le buillibh drùiteach geur,
An fheòil on chnà imh do rùisgeadh leoth'
Na meallaibh brùit' gu lèir;
A chorp ro naomh' do mhilleadh leoth'
'S a chreuchda sileadh sìos;
An fhuil len ceannaicht' an saoghal seo
Gun sgoinn bhi dhì no prìs.
Do rinneadh crùn den sgitheach leoth',
Is dh'fhigh iad e gun teann,
Chur tuille pèin is nà ire air,
Do spà rr iad è mu cheann;
Na cheann a-steach do bhuaileadh leoth'
Na biora cruaidh ro gheur,
Is aghaidh ghlòrmhor dh'fhalaich iad
Len sile salach, breun.
Nuair chuir iad an crùn nà rach air,
Ro chrà iteach goirt do bhi,
Do sgeadaich iad le sgà rlaid E
'S chuir colbh na là imh mar Rìgh;
Is labhair iad gu sgallaiseach
A' fanaid air an Tì -
"Failte, Rìgh nan Iùdhach, dhut,
Le 'n glùn ga chromadh sìos."
Lem fòirneart mhòr do dh'èignich E
Chrann-ceusaidh thogail suas,
Ach ge bu chruaidh siud b'fheudar e
Bhi gèilleadh dhaibh san uair:
A chuisle chaomh a' traoghadh à s
'S a neart ga fhà sgadh uaith',
A' dìreadh 'n t-slèibh ga shà rach', gus
An d'fhà ilnich E fon chuail.
Sìos air an leabaidh dhòrainnich,
Le dheòin do laigh E fèin;
Rùisgt' air a chrann do shìneadh E,
'S gach alt dheth spìon' o chèil';
A chorp ro naomha beannaichte,
Do cheangail iad gun teann,
Le tà irnibh 's òrd gan sparradh siud,
Gu daingeann ris a' chrann.
An crann an sin do dhìrich iad,
Is ÃŒosa thog air suas,
Is air na tà irnibh chrochadh E,
Le dochann tha do-luaidh;
A chudthrom fèin a' reubadh à s
Gach creuchd na chois 's na là imh,
Is fhuil ro phrìseil naomha-san
Ga taomadh sìos gu là r.
Ge bu mhaslach crà iteach leis
Am bàs a dheilbheadh leoth';
Aon ghearan riamh cha d' thà inig uaith'
An aghaidh nà imhde mòr;
Ach 's ann a ghabh E leisgeul-san,
Gan teasairginn gu fìor;
"O Athair thoir dhaibh maitheanas
Ta 'ad aineolach nan gnìomh."
Chaidh dibh-fhearg Dhè a thaomadh air
Gach uile thaobh mun cuairt,
Bha gnùis a ghrà idh air fhalach air
Is thionndaidh' solais uaith';
Is dh'èigh E fo no piantan sin,
"Mo Dhia! Mo Dhia! Na trèig!
Na ceil do ghnùis ro fhà bharach,
'S na fà g mi ann am fheum.“
Na 'n rachadh an trom-dhioghaltas
Do ghiùlain Ìos' e fèin,
A leagadh air a' chinne-dhaonna sin
'S na h-ainglean naomh le chèil',
Do chasgradh ann a' mòmaint bhig,
Na slòigh ud leis gu lèir:
An brà on bu lugh' d'a fhulangas
Loisgeadh e 'n cruinne-cè.
Is dh' òrdaich Dia nan sluagh an sin,
Iad teachd mun cuairt don t-sliabh.
Gach uile nà dar reusanta,
Do rinn E fèin o chian;
'S gum faicte ghaol d' a chreutairibh
'S do bheusaibh pheacaidh fhuath,
Anns an fheirg a thaomaich E
Air Mac a ghaoil san uair.
'S e seo bu chainnt d'a fhulangas,
"Nis tuigibh uile shluagh,
NÃ dar sgreitidh pheacaidh ud,
'S am dhòrainn faicibh dhuais;
Is nà dar teann a' cheartais sin
A ghlac mi as leth chà ich;
Nach maith dhomh bonn dam fiachan-san,
'S nach dìol mi ach le m' bhà s."
Bha 'm bàs ud mallaicht', piantachail,
Ro ghuineach, dìoltach dòigh,
Ro chrà iteach, nà rach, fadalach,
'S e teachd neo-ghrad 'na chòir;
Bu nì ro oillteil uamhasach,
Seachd uair' bhi 'n crochadh beò
Air fèith' a chuirp gan spìonadh à s,
Cò dh'fheudas inns' a leòn?
Bha brìgh a chuirp air tiormachadh
An à mhuinn feirge Dhè:
'S a chridhe cà irdeil fìrinneach
A' leaghadh sìos mar chèir;
A theanga lean ra ghialaibh-san
Bha riamh am pà irt a shluaigh;
Is fòirneart nan geur-phiantan sin,
A' snìomhadh anama uaith.
A fhradharc glan do dh'fhà ilnich air,
'S mar ghlainne dh'fhàs a shùil;
Bha fèith' a chridh' a' bristeadh aig,
'S a bhrà ghad clisgeadh dlùth;
A ghnùis a b' à illidh snuadh is dreach,
Air tionndadh uaine lì -
Air leam gu faic mi 'n ealghris air
Cur a chath sheirbh gu crìch.
Air leum gu faic mi chreuchda-san,
Mar a reub le tà irnean fhèoil;
An fhuil fàs dubh a' ragadh ump';
Sìor lagach' air a threòir;
Dreach a bhà is a' tional uim';
'S E dealachadh r'a sgiamh;
Ar leam gun cluinn mi 'g osnaich E;
'S a' phlosgail bha 'na chliabh.
Fa dheireadh labhair ÃŒosa riuth',
"Tha mi an ìota mhòir."
Ghabh domblas agus fìon geur iad
'S deoch shìn iad dha r' a h-òl,
'N sin thubhairt, "Tha e crìochnaichte
Gach nì ghabh mi os là imh."
'S le sgairteachd gheur do ghlaodh E mach
Is chlaon E cheann gu bà s.
B' e siud an glaodh bha cruadalach,
Do chual e 'n cruinne-cè;
Gach creag air talamh sgealbadh leis,
'S na mairbh ghrad chlisg gu lèir:
Do thionndaidh ghrian gu dorchadas,
Is chaochail colg gach nì,
Bha chruitheachd mar gum bà s'cheadh i,
'S i tarrainn chum a crìch.
Na flaitheas bha riamh sòlasach
'S na slòigh bha subhach shuas,
San à m sin rinneadh brònach iad,
'S an ceòl do leig iad uath';
Ri faicinn dhaibh an Ùghdair ac'
San ùir ga leagadh sìos,
Am bàs a bhi ga cheangal-san
Thug anam do gach nì.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Buchanan, The Sacred Bard of the Scottish Highlands, deasaichte le L. Macbean, air fhoillseachadh le Simkin, Marshall and Hamilton, 1919.
Dà in Spioradail le Dùghall Bochanan air fhoillseachadh le A. MacLabhruinn, Glaschu, 1946.

Rugadh Seasaidh NicAoidh ann an Circebost ann am Beà rnaraigh Leòdhais, an treas duine dhan teaghlach aig Ciorstaidh Mà iri agus Coinneach MacAmhlaigh. B' e teaghlach air ...
Fiosrachadh air Seasaidh NicAoidh / Learn more about Seasaidh NicAoidhCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.