Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacIllEathain agus air a sheinn le: lily nicIllEathain, Peigi Mhoireasdan agus Seinneadairean Dhùn Èideann.
This is a song written by: Iain MacIllEathain and sung by: lily nicIllEathain, Peigi Mhoireasdan and Seinneadairean Dhùn Èideann.
Air feasgar samhraidh Sà baid 's mi gabhail srà id leam
fhèin,
Na smeòraich 's iad ri ceilearadh gu h-à rd air bhà rr
nan geug;
Mi smaointean air an à rmunn as à ill' tha fon a' ghrèin
-
Gur truagh nach robh mi còmhla riut a' còmhradh treis
linn fhèin.
Cha chìobair as na frìthean a dh'fhà g m' inntinn-sa fo
bhròn,
Ach fear a' leadain bhà in a bhios a-ghnà th ris a'
cheòl;
'S nuair a bhios na h-uaislean a' suidhe suas man
bhòrd,
Bidh pìob nan dos dualach aig mo luaidh ga chuir air
dòigh.
Gur lìonmhor mà is ri à ireamh air an à rmunn dh'fhàs gun
mheang,
Dh'aithnichinn fhìn air fà ir' thu a'
teà rnadh leis a' ghleann;
Gu deas air ùrlar clà rach thu a' teà rnadh san
taigh-dhanns',
Troigh shocair am bròig luaisgeanaich 's gach
gruagach ort an geall.
Tha t'anail leam cho cùbhraidh ris na h-ùbhlan 's mi
gam buain,
Do dheud mar an t-ìbhridh 's do shlios mar fhaoileig
cuain;
Do ghruaidhean mar an caorann fo mhala chaol gun
ghruaim,
'S thug mis' an gaol nach dìobair dhut gu sìnear mi san
uaigh.
Thar leam gur mi bha gòrach nuair a thòisich mi ri
dan;
Cha bhà rd a dhèanadh òran mi 's cha chòir dho mh dol
na dhà il;
Tha nitheigin air m' inntinn-sa 's chan fhaod mi inns'
do chà ch
Gun tug mi gaol don t-seòladair air long nam mòr
chrann à rd.
Ach innsidh mi an fhìrinn duibh mur bheil mo bharail
faoin;
Tha gaol nam fear cho caochlaideach, 's e seòladh mar
a' ghaoth;
Mar dhriùchd air madainn Chèitein, 's mar dhealt air
bhà rr an fheòir,
Le teas na grèine èirigh e, 's cha lèir dhuinn e sna
neòil.
Tha m' athair is mo mhà thair 's mo chà irdean rium an
gruaim
'S gur tric iad rium ag rà dhtainn gu brà th cha tig ort
buaidh;
Gun dìochuimhnich thu ghòraiche bho t' òige thog thu
suas
'S thug mis' an gaol dhan t-seòladair tha 'n còmhnaidh
air a' chuan.
Gur gòrach mi ghad chaoineadh 's nach caoineadh tu mi
Nach gòrach mi thug gaol dhut 's gu faod thu bhith
gam dhìth
Ach ma 's e lughad mo stòrais a dh'fhà g do dheòin dham
dhìth
Gur fheudar dhomh bhith beò ged nach pòsadh tu mi.
On fhuair mi do litir, a-nis gu bheil mi slà n
Is fà ileadh cùbhraidh d' analach far pà ipear tana, bà n
Saoilidh mis' an còmhnaidh leis an deòin bha ri
mo ghrà dh
Gu robh mi ghaoil gad èisteachd mus do leugh mi dhith
ach pà irt.
'S mas nì e nach eil òrdaichte gun còmhlaich sinn gu
brà th
Mo dhùrachd thu bhith fallain agus thu thighinn
dhachaidh slà n
Ma bhrist thu nis na cùmhnantan, 's nach cuimhne leat
mar bha
O guidheam rogha cèile dhut, 's do laighe is d' èirigh
slà n.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha artaigil Fuadach nan Daoine às na Hearadh a sgrìobh Peigi ann an Gairm, Àireamh 98, Earrach 1977. Tha fiosrachadh mu Pheigi anns an iris aig Sgoil Eòlais na h-Alba, Tocher, Àireamh 41.

B' i Peigi Mhoireasdan nighean le Uilleam 'Donn' Dòmhnallach à Àrd Àsaig, Na Hearadh. Thà inig Uilleam à Srannd, an ceann a deas na Hearadh agus ...
Fiosrachadh air Peigi Mhoireasdan / Learn more about Peigi MhoireasdanB' iad Seonag NicChoinnich, Evelyn Chaimbeul, Iona NicDhòmhnaill, agus Mà iri Sandeman Seinneadairean Dhùn ...
Fiosrachadh air Seinneadairean Dhùn Èideann / Learn more about Seinneadairean Dhùn ÈideannCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.