Òran air a sgrìobhadh le: Calum Camshron agus air a sheinn le: coinneach macLeòid agus Eà irdsidh Grannd.
This is a song written by: Calum Camshron and sung by: coinneach macLeòid and Eà irdsidh Grannd.
Guma slà n leis na gillean, gillean Uibhist mo ghrà idh,
An-diugh air an sgapadh feadh an t-saoghail 's gach à it',
Cuid san Èipheit 's na h-Innsean 's cuid an Afraga thall,
'S cuid sa Ghearmailt am prìosan 's cuid nach till dhiubh gu brà th.
Siud na gillean bha uasal 's a bha cruaidh anns a' bhlà r
Ged chaidh cuid dhiubh ghlacadh ann am batail son chà ich;
Chaidh an nà mhaid mun cuairt dhaibh 's iad ga bhualadh gun tà mh,
Siud an nì a bha cruaidh leotha bhith toirt suas dha sa bhlà r.
Tha cuid dhiubh ri fairge ri aghaidh garbh chùis nan tonn,
Bidh iad daonnan fo eagal gun tèid sgread os an cionn,
Anns an iarmailt 's fon uisge chan eil fois dhaibh no tà mh
Gus an ruig iad an caladh sam bu mhiann leotha bhith tà mh.
'S iomadh athair is mà thair air am fà gail fo bhròn
Iad gach latha agus oidhch' air bheag cadal no tà mh;
Ach ag ionndrainn nan gillean tha ri aghaidh a' bhlà ir
'S e an guidhe 's an ùrnaigh bhith gan saoradh bhon nà mh'.
Ach 's e chuid dhiubh tha 'm prìosan tha air m' inntinn-s' an-drà st'
Dòmhnall Uilleam is Ruaraidh, Raghnall Ruadh is Iain Bà n,
Agus Tormod is Murchadh, Ailean, Seonaidh is Dòmhnall,
Raghnall Stiùbhart an truaghan, chaidh an cruaidh-chàs cho òg.
Tha cuid eil' anns an Air force anns na speuran a' falbh,
Cuid eil' anns an Nèibhidh, gillean treun agus calm';
'S e mo dhùrachd dhaibh uile, Nèibhidh, Air force is Arm,
Iad a thighinn às gach cruaidh-chàs leis a' bhuaidh air an nà mh.
'S mus dèan mi co-dhùnadh 's e mo dhùrachd don nà mh,
Do Hitler, do Ghoering, do Ghoebbels 's do chà ch,
Iad bhith ceangailt' ann am prìosan gam pianadh gu brà th,
'S gillean Uibhist gan stialladh le slatan iarainn gu bà s.

Ged a rugadh Eà irdsidh Grannd ann an Lenzie, air iomall Ghlaschu, ann an 1902, thogadh e le Gà idhlig mar chiad chà nan. Bha e seachd bliadhna ...
Fiosrachadh air Eà irdsidh Grannd / Learn more about Eà irdsidh GranndCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.