Òran air a sgrìobhadh le: Coinneach MacLeòid (Red) agus air a sheinn le: Murdigan Dòmhnallach.
This is a song written by: Coinneach MacLeòid (Red) and sung by: Murdigan Dòmhnallach.
Thug mi dhachaigh gobhar
De dh'fhear sleamhainn odhar,
Ach cha robh agam sabhal
Gus an gobhar a dhìon.
Thug mi dhachaigh gobhar
De dh'fhear odhar liath.
Nuair rà inig mi leis dhachaigh
Is e a thuirt a' bhean rium,
"CÃ it' an d' fhuair thu 'n tamhasg,
Amadain gun chiall?"
Thug mi dhachaigh gobhar
De dh'fhear odhar liath.
Thuirt an t-Ùigeach a thug dhòmhs' e,
"Feuch gun gabh thu chùram;
Seo dhut cèis le chliù,
Ach fà g i dùint' son mìos."
Thug mi dhachaigh gobhar
De dh'fhear odhar liath.
Chan eil fios air domhain
Gu dè mar thèid a bhleoghan,
Oir tha chom cho domhainn
Cha tèid fodha ach mìos.
Thug mi dhachaigh gobhar
De dh'fhear odhar liath.
An oidhch' thug mi e dhachaigh
Dh'fhà g mi aig an tein' e,
An cat 's an cù na achlais,
Pailteas aig' de bhiadh.
Thug mi dhachaigh gobhar
De dh'fhear odhar liath.
Sa mhadainn 'n à m dhomh èirigh
Bha e air ith mo lèine,
'S bha gùn-oidhch' na tèile
Na bhrèidean aig' na bhèul.
Thug mi dhachaigh gobhar
De dh'fhear odhar liath.
'S ann dhòmhsa bha e feumail
Nach robh 'm bail' air èirigh
'S mi muigh às mo lèine,
An tèile staigh gun stiall.
Thug mi dhachaigh gobhar
De dh'fhear odhar liath.
Thòisich i ri 'g èigheach,
"Mise pòst' aig deucon -
Ma thèid seo chun na Clèir
Bidh tu fhèin gun dreuchd".
Thug mi dhachaigh gobhar
De dh'fhear odhar liath.
'S mise fhuair am faochadh
Nach do chnà mh e 'n t-aodach:
Dh'fhà ilnich air a dhìobhairt
'S chaochail e le pian.
Thug mi dhachaigh gobhar
De dh'fhear odhar liath.

Rugadh Murdigan Dòmhnallach air 15 An t-Ògmhios 1955 ann an Cnoc na h-Iolair ann am Pabail Iarach anns an Rubha a Leòdhas. 'S e as ...
Fiosrachadh air Murdigan Dòmhnallach / Learn more about Murdigan DòmhnallachCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.