Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Calum Mà rtainn agus iseabail anna mhà rtainn.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Calum Mà rtainn and iseabail anna mhà rtainn.
Tha an grà dh seo cho là idir, bàs chan fhaigh là mh air no buaidh.
Na tuiltean cha bhà th e, oir 's cuan e, tha là nachd bith-bhuan.
'S an dream a gheibh pà irt dheth, cha bhi iad dheth sà saicht' nan cuairt.
'S ann a' tòiseachadh tha e nuair ruigeas iad Pà rras le buaidh.
Tha an grà dh seo cho dìomhair 's nach gabh e le briathran a luaidh.
Oir bha e aig Dia mun robh talamh no grian ann, no cuan.
Oir dheònaich an Trianaid gun tigeadh Mac sìorraidh a-nuas.
A phà igheadh na fiachan 's a ghabhadh air ìomhaigh a shluaigh.
Is grà dh e nach tòimhsear, tha e thar gach uil' eòlas gu lèir.
Rinneadh iomradh le Pòl air, le Peadar, 's le Eòin mar an ceudn'.
Fhuair mnathan còir air, chuir Muire e gu sònraicht' an cèill.
'S e thug Rut is Naomi a-mach à tìr Mhòab le chèil'.
Tha 'n eaglais 'san fhà sach ri gearain gach là air a truaigh',
'S i beò air a' mhà na ga thional gach trà th thig e nuas.
'S ged tha truaillidheachd nà dair, peacadh is bàs rithe fuaight',
Tha thu 'g rà dh, "Tha i à illidh", 's tu 'g amharc oirr' an à illeachd an uain.
Tha an saoghal 's an Sà tan, an tòir oirre a-ghnà th anns a' ghleann
Ach bheir iadsan buaidh air chionn 's gun do bhuadhaich an ceann.
Cha bhi cuimhn' air an truaighean 's na buairidhean a bh' aca san à m,
Nuair gheibh iad thar Iòrdain 's a gheibh iad a' ghlòir tha an taobh thall.

Rugadh Calum Mà rtainn ann an Glaschu ann an 1953, mac le Catrìona Choinnich Amhlaigh à Breascleit agus Dòmhnall Chaluim Iain Chaluim Mà rtainn à Siadar Bharabhais. ...
Fiosrachadh air Calum Mà rtainn / Learn more about Calum Mà rtainnCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.