Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Mairead agus Donaidh MacLeòid, na h-Òganaich, na h-Òganaich agus pà draig mac a' ghobhainn (Pà draig a' Choisich).
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Mairead agus Donaidh MacLeòid, na h-Òganaich, na h-Òganaich and pà draig mac a' ghobhainn (Pà draig a' Choisich).
O guidheam slà int' don ghruagaich dhonn
Tha suaicheanta 's tha fìnealt,
Chaidh à rach òg taobh Loch a Ròg
An Leòdhas nam beanntan rìomhach.
Ged shiùbhlainn tìrean cèin thar sà il,
Gu brà th cha dèan mi dìochuimhn'
Air nìonaig òig a thà laidh mi
'S a dh'fhà g mi ghnà th fo iargain.
Tha mi fo leòn bho dh'fhà g mi 'n òigh,
Gach latha sheòl mi uaigneach;
Tha tonnan liath-ghlas leum air sròin
'S na neòil 's gort-ghaoth tha buaireant'.
O soraidh slà n le Leòdhas
Nam beanntan fraoich tha à illidh;
Fad saoghal sealbhach fallain bhuam
Don rìbhinn shuairc a dh'fhà g mi.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.