Òran air a sgrìobhadh le: Eachann MacCoinnich agus air a sheinn le: còisir ghà idhlig mhealbhaich agus Iain Murchadh Moireasdan.
This is a song written by: Eachann MacCoinnich and sung by: còisir ghà idhlig mhealbhaich and Iain Murchadh Moireasdan.
Guma slà n a chì mi,
Mo chailin dìleas donn;
Bean a' chuailein rèidh
Air an deise dh' èireadh fonn;
'S i cainnt do bheòil bu bhinn leam
'N uair a bhiodh m' inntinn trom,
'S tu thogadh suas mo chridh'
Nuair a bhiodh tu bruidhinn rium.
Gur muladach a tà mi
'S mi nochd air à ird a' chuain,
'S neo-shunndach mo chadal dhomh,
's do chaidreabh fada bhuam;
Gur tric mi ort a' smaointeach,
Às t-aogais tha mi truagh;
'S mur a dèan mi d' fhaotainn,
Cha bhi mo shaoghal buan.
Sùil chorrach mar an dearcag
Fon rosg a dh'iathas dlùth;
Gruaidhean mar na caorann
Fon aodann tha leam ciùin;
Mur d' aithris iad na breugan
Gun tug mi fèin dhut rùn;
'S gur bliadhna leam gach latha
Bhon uair a dh'fhà g mi thu.
Theireadh iad mas d'fhalbh mi bhuat
Gum bu shearbh leam dhol ad chòir;
Gun do chuir mi cùl riut
'S gun dhiùlt mi dhut mo phòg.
Na cuireadh siud ort cùram,
A rùin, na creid an sgleò;
Tha d' anail leam nas cùbhraidh
Nan driùchd air bhà rr an fheòir.
Tacan mun do sheòl sinn
'S ann a thòisich cà ch
Ri innseadh do mo chruinneig-sa
Nach pillinn-sa gu brà th.
Na cuireadh siud ort gruaimean,
A luaidh, ma bhios mi slà n;
Cha chùm dad idir bhuat mi
Ach saighead chruaidh a' bhà is.
Tha mòran de luchd aimlisg,
'S a sheanchais an droch sgeòil,
An cridheachan mar phuinnsean,
Cha chuimhnich iad air chòir;
Ach na creid an sgeula;
Ma gheibh a' chlèir oirnn còir,
'S ma dh'fhanas sinn bho chèile,
'S i 'n èiginn a bh' air oirnn.
Tha 'n snaim a nise ceangailte,
Gu daingeann agus teann;
'S e their luchd na fanaid rium
Nach eil mo phrothaid ann:
'M fear aig am beil fortan
Tha crois aige na cheann,
'S tha mise taingeil, toilichte
Ged tha mo sporan gann.

Rugadh Iain Murchadh Moireasdan, John Murdo Dhà naidh Mhurchaidh a' Chlachair air an Tairbeart, anns na Hearadh, ann an ...
Fiosrachadh air Iain Murchadh Moireasdan / Learn more about Iain Murchadh MoireasdanCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.