Òran air a sgrìobhadh le: Calum MacIllEathain (Calum Thao) agus air a sheinn le: Dòmhnall Norrie MacLeòid.
This is a song written by: Calum MacIllEathain (Calum Thao) and sung by: Dòmhnall Norrie MacLeòid.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Hè na brògan, hò na brògan
Hè na brògan, bha iad saor
Hè na brògan, hò na brògan.
An cuala sibhse mu na brògan
Fhuair Dòmhnall air an trà igh
Bha tè ac' aig Port na Dùna
Tèile ac' thall aig Clach 'an Bhà in.
Thà inig iad a-steach mu Mhà isgear
Theich na bà taichean gu luath
Chuir iad fios chun an Ùigeach
Gu robh U-boat a' dol mun cuairt.
Nuair a nochd iad ris a' Chruiser
Gu robh ùtrais air bòrd
H-uile fear aig action station
'S iad a' shelligeadh nam bròg.
Siud an rud a tholl na sà ilean
'S dh'fhà g na gà magan nan cùl
'S thuirt a' mate ri gunna starboard
Saoilidh mi gun bhuail thu stiùir.
Dh'fhalbh an Cruiser 's i na cabhaig
Airson survivers thoirt air bòrd
Nuair a rà inig iad an wreckage
Dè a bh' ac' ach paidhir bhròg.
Thà inig iad a-steach mu Chrà gam
Theich na balaich 's iad ri snà mh
Dùil ac' gur e sgiath a' chearbain
Bh' ann an teanga na tè cheà rr.
'S cha tà inig a leithid riamh dhan à ite
Bhon a' Bhutt gu ruig thu Ùig
'S e thuirt Dòmhnall 's e cho à raid
Sà bhailidh iad paidhir ùr.
Nuair a rà inig Dòmhnall dhachaigh
Le na brògan 's iad cho mòr
Dh'fheuch e tè a-steach bhon dreasair
'S cha deigheadh ann dhith ach an t-sròin.
Chaidh e leotha dhan an t-sabhal
'S gu robh othail air na bh' ann
Tè a' steigeadh ri gach ursainn
Dh'aindeoin brùthadh, cha deigheadh ann.
Smaoinich e an cuir gu Timpson
'S ghabh e feagal ron an charge
'S ann a dh'fheuchadh e fhèin orr'
'S chuir e brèid air an tè cheà rr.
Cha b' e minidh 's cha b' e sreangan
A bh' aig Dòmhnall ris a' cheà rd
Ach a uèir a bh' aig na balaich
Thug an solas dhan an à ite.
Tha na brògan nis air dìobairt
Iad air sgaoileadh as gach à ite
Sùil Dhòmhnaill air a' chladach
Ach a faigh e cà il nan à ite.

Rugadh Dòmhnall Norrie MacLeòid ann an 1932, am mac a b' òige a bh' aig Dòmhnall Choinnich 'an 'ic Dhòmhnaill, bho 12 Tolastadh a' Chaolais, ...
Fiosrachadh air Dòmhnall Norrie MacLeòid / Learn more about Dòmhnall Norrie MacLeòidCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.