Âé¶¹Éç

Hi Rim Bo (Tha Sgeul Ùr Air Tighinn Don Bhaile)

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: capercaillie agus Karen NicMhathain.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: capercaillie and Karen NicMhathain.

Facail an Ã’°ù²¹¾±²Ô / Song Lyrics

³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus

Hi ri am bo hill o ro ho
Hi ri am bo hi ri ri u
Hi ri am bo hill o ro ho

Tha sgeul ùr air tighinn don bhaile
Cha sgeul ùr a th' ann ach naidheachd.

Cha sgeul ùr a th' ann ach naidheachd
Gun do rèitich mo chiad leannan.

Gun do rèitich mo chiad leannan
'S òg a fhuair mi fhìn do ghealladh.

'S òg a fhuair mi fhìn do ghealladh
Sìne bhàn nam blàth-shùil mealladh.

Sìne bhàn nam blàth-shùil mealladh
Sìne òg an òr-fhuilt chlannaich.

'S gil' do mheadhan na sgiath na h-eala
'S guirm' do shùil na driùchd na maidne.

'S guirm' do shùil na driùchd na maidne
'S deirg' do ghruaidh na caor air meangan.

'S deirg' do ghruaidh na caor air meangan
Tha do dheud na dlùth-gheal daingeann.

Seinneadairean / Performers

Karen NicMhathain

Karen NicMhathain

'S ann à Taigh an Uillt ann an Earra-Ghàidheal a tha Karen NicMhathain ach buinidh a cuideachd do Bharraigh agus thog i mòran de na ...

Fiosrachadh air Karen NicMhathain / Learn more about Karen NicMhathain

Âé¶¹Éç iD

Stiùireadh a’ BhBC

Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.