Òran air a sgrìobhadh le: Donnchadh Bà n Mac an t-Saoir agus air a sheinn le: còisir (Inbhich).
This is a song written by: Donnchadh Bà n Mac an t-Saoir and sung by: còisir (Inbhich).
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Ho rò gun togainn air hùgan fhathast
Ho rò i ò, mun tèid mi laighe
Ho rò gun togainn air hùgan fhathast.
Togamaid fonn air luadhadh a' chlòthainn
Gabhaidh sinn ceòl is òrain mhatha.
B' fheà ird an clò bhith chòir nan gruagach
Dhèanadh an luadhadh buan len là mhan.
Nuair a thionndas iad air clèith e
Chluinnte fuaim gach tè dhiubh labhairt.
Ã’°ù²¹¾±²Ô ghrinne, bhinne, mhìlse,
Aig na rìbhinnean gan gabhail.
Luinneag ac' air luadhadh an aodaich,
Sunndach, saothrachail ri mathas.
Guma slà n a bhios na caoraich,
Air an d' fhàs an t-aodach flathail.
Beannachd air an là imh a shnìomh e,
'S i rinn gnìomh na deagh bhean-taighe.
'S ann a tha 'n toil-inntinn aodaich
Aig na daoin' a bhios ga chaitheamh.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.