Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacPhà idein agus air a sheinn le: Ceana Chaimbeul.
This is a song written by: Iain MacPhà idein and sung by: Ceana Chaimbeul.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Ho ro, tha mi fo smalan dheth
An t-uisge beatha chrean mi air
'S e Mac na Braiche fear nan car
'S gur ioma neach a mheallar leis.
Innsidh mi san ealaidh dhuibh
A ghaoth a dh'fhà g a' Challainn againn
Bhuail i dìreach cùl mo chinn
'S mi tighinn a nìos an Gallowgate.
Thachair seann luchd eòlais
A bh' ann san t-srà id aig Deòrsa rium
Is chaidh mi còmhla riuth' air aoidheachd
Chionn 's e daoine còir a bh' annt'.
Bha fear dhiù 's pige bà n aige
Is shlaod e fhèin an t-à rcan à s
Is dh'òl mi còrr is là n a' ghlainne
'N Tobar Mhoire thà irngneadh e.
Bha fear eile 'g innse dhomh
Gur e chuid fhèin bu bhrìghmhoire
Bha searrag chruinn don stuth tha còrr
À Bogha Mòr an Ìle aige.
Dh'òl mi dha no tri dhiubh siud
Bha Muileach agus ÃŒleach agam
'S le cuideigin eile còmhl' riuth'
Cha robh 'n còrr a dhìth orm.
Thug mis an t-sraid an siud orm
Am measg na h-ùpraid iongantaich
Ach 's eagal leam gu robh mi faicinn
Rudan nach robh idir ann.
Thug mi George's Square orm
'S gu faicinn fhìn a' Bhà nrigh ann
Sir Cailean, 's Moore, 's iad fhèin na diùlnaich
Dhùraichdinn am fà ilteachadh.
Bha 'm Prionnsa 's e ri sanntaireachd
Bha Burns e fhèin 's e canntaireachd
Ach cò bha 'n siud gu h-à rd air stob
Ach Walter Scott 's e dannsadh ris!
Thachair bùth là n eunlaith rium
Is solas deà lrach brèagha ann
Chaidh mi staigh 's air cupal tasdan
Bha mi mach is gèadh agam.
Thug mi sìos an t-srà id orm
Is thuirt fear facal tà ireil rium
'S le car de sgòrnan gheòidh mu m' là imh
Gun tug mi seann strabhà illidh air.
Mun gann a bheirinn fead asam
Gun d' èirich iad nan leth-dusain
'S gach fear dhiubh chà rainn ris a' ghrunnd
Mar chumadh triùir na sheasamh e.
Dà char mum là imh don amhaich aig'
Bho chùl mo chinn ga tharraing orra
A leith'd do lann cha robh aig Fionn
A' cur air chùl nan samhanach.
Bha iteach bhà n ga reubadh à s
'S i falbh tron t-srà id na clèiteagan
Mar dhall-chur sneachd ri aodann cnuic
Is mise mort nan Èireannach.
Ach thoisich sèideadh fhìdeagan
Is dh'fhalbh min sin nam shìnteagan
Gun tug mi às le luath 's mo chas
Mar mhoigheach ghlas is mial-chù rith'.
Ach sheall mo bhean glè mhì-cheutach
Mi dhol a staigh 's an spree orm
Ach thuirt mi "Seo dhut gèadh, a Mhòr
'S chan iarr e mòran spìonaidh ort."
An là irne-mhà ireach b' aithreach leam
Gach nì mar bha 's mar thachair dhomh
Sgà inteach mo chnà mh bha siud burbail
'S mi air foirm an aithreachais.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha òrain, rosg agus bà rdachd MhicPhà idein rin lorg ann an dà leabhar: An t-Eileanach (Archibald Sinclair, Glaschu 1890, 1921) agus Sgeulaiche nan Caol (Archibald Sinclair, Glasgow 1902).
Tha Glasgow and Gaelic Writing le Coinneach Dòmhnallach agus Am Bà rd Gà idhlig agus am Baile Mòr le Michel Byrne agus fiosrachadh eile mu Ghlaschu agus cuid de eachdraidh nan Gaidheal sa bhaile ri leughadh anns an leabhar Glasgow - Baile Mòr nan Gaidheal, deasaichte le Sheila M. Kidd (Roinn na Ceiltis, Oilthigh Ghlaschu, 2007).

Buinidh Ceana Chaimbeul don Ghrìob anns an Eilean Sgitheanach agus do theaghlach aig a bheil ùidh mhòr ann an ceòl is òrain. Choisinn i am ...
Fiosrachadh air Ceana Chaimbeul / Learn more about Ceana ChaimbeulCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.